Co-labhairt ChLAS 2021

Bha co-labhairt air leth soirbheachail againn san Òg-mhìos. Chòrd e ri gach neach a rinn ceangal air an latha. Mar a thuirt feadhainn:

“Bha deagh mheasgachadh de sheiseanan ann agus iad uile cho feumail. Taing mhòr dhuibh son a chur air dòigh.”

“Bha seo math dha rìribh a bhith a coinneachadh le luchd-teagaisg Gàidhlig agus chuspairean FtMG tro Alba – bha seo air a bhith doirbh fhaighinn thuige nan robh e air a bhith steidhichte ann an doigh thràidiseanta.  Buannachd a thainig a-mach a Covid!”

“Chan eil mi creidsinn cho math sa bha seo uile a’ còrdadh rium!”

Abair beachdan tlachdmhor.

Taing dhan a h-uile duine agaibh a chuidich sinn le bhith a’ cruthachadh seiseanan agus a rinn ceangal air an latha no aig àm sam bith eile.

Mu nach robh cothrom agaibh a bhith an làthair, nach toir sibh sùil an-dràsta air na bha a’ dol. Fàgaidh sinn seo beò mar ghoireas dhuibh:

Co-fharpais 2021

Seo agaibh na sgoilearan agus sgoiltean a bhuannaich duaisean am bliadhna. ’S math a rinn a h-uile duine a ghabh pàirt ann. Thig na duaisean a-mach thugaibhse a bhunnaich a dh’aithghearr. Seo na bha aig ar stiùiriche co-fharpais ri ràdh:

Mòran taing gu a h-uile duine a ghabh pàirt ann an co-fharpais ChLAS am-bliadhna. Bha tòrr phìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann is bha e gu math doirbh dìreach sia phìosan a thaghadh airson duaisean fhaighinn. ’S e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:

Fileantaich

A’ Chiad Duais – Anndra, AS3, Àrd-sgoil Gheàrrloch

An Dàrna Duais – Anna, AS2, Àrd-sgoil Phort Rìgh

An Treas Duais – Eva, AS1, Sgoil MhicNeacail

Luchd-Ionnsachaidh

A’ Chiad Duais – Uilleam, AS3, Àrd-sgoil Gheàrrloch

An Dàrna Duais – Matthew, AS3, Acadamaidh Alanais

An Treas Duais – Anna, AS3, Acadamaidh a’ Mhuilinn

Mealaibh ur naidheachd!

Co-labhairt ChLAS

Co-fharpais sgrìobhaidh 2021

Club Irise SMO

Bidh a’ chiad choinneamh Club Irise SMO air rannsachadh air foghlam a’ gabhail àite air Zoom, Diciadain, 3 an Gearran, 4-5f, agus tha fàilte romhaibh uile. Tuilleadh fiosrachaidh an seo air Facebook.

Ann an coinneamhan a’ chlub seo, bidh sinn a’ deasbad diofar phàipearan rannsachaidh air foghlam cànain. Tha ar coinneamhan fosgailte do dhaoine sam bith le ùidh ann am foghlam Gàidhlig aig ìre sam bith: ro-sgoile, bun-sgoile, àrd-sgoile, no oilthighe. Gach coinneamh, bidh òraidiche aig SMO a’ libhrigeadh taisbeanadh goirid (mu 20 mionaid) air pàipear inntinneach anns an litreachas rannsachaidh air foghlam cànain, agus an uair sin, thèid an rannsachadh sin a dheasbad.

ʼS e cuspairean a’ chlub am bliadhna: aire air cruth (focus on form), ais-mholadh ceartachaidh (corrective feedback), agus oideachadh cànain follaiseach (explicit language instruction) ann an co-theagsa foghlaim bhogaidh.

Na coinneamhan:

Tim Armstrong, Diciadain, 3 an Gearran, 4-5f

Ní Dhiorbháin, Aisling & Pádraig Ó Duibhir. 2017. “An explicit-inductive approach to grammar in Irish-medium immersion schools.” Language Awareness 26(1): 3-24.

Gwen Culbertson, Diciadain, 3 am Màrt, 4-5f

Zhou, Wenying, and Guofang Li. 2017. “The Effects of Shared Singing Picture Book Instruction on Chinese Immersion Kindergarteners’ Spoken Vocabulary Recall and Retention.” Frontiers of Education in China 12(1): 29-51

Roddy Neithercut, Diciadain, 31 am Màrt, 4-5f

Gallegos, Areles. 2017. Using Explicit Instruction of Spanish Past-Tense Verb Conjugations in a Spanish Immersion Classroom. Tràchdas Maighstireachd, California State University, Sacramento.

Shona NicCarmaig, Diciadain, 5 an Cèitean, 4-5f

Monson, Katie. 2019. Teaching Grammar Through Music. Tràchdas Maighsireachd, Hamline University.

Anna Thirkell, Diciadain, 2 an t-Ògmhios, 4-5f

Lyster, Roy 2018. Content-based language teaching. New York: Routledge.

Thèid na coinneamhan a chumail anns a’ Ghàidhlig, air Zoom.

Tuilleadh fiosrachaidh an seo air Facebook.

Cothrom CLPL le Social Enterprise Academy – Award in Leadership airson tidsearan sa Ghàidhlig

Social Enterprise Academy is inviting Gaelic Medium and Gaelic Language teachers to join us for an Award in Leadership programme, starting on March 19th. The programme is delivered entirely online in Gaelic medium through learning sessions and webinars on zoom. Optional accreditation is available with the Institute of Leadership & Management / City & Guilds.

The Award in Leadership programme enables teachers to

  • develop an understanding of their own leadership skills
  • look at how other approaches to leadership can be adopted in particular situations
  • explore the contemporary issues facing GME and GLE

The programme brings together Gaelic medium educators from across Scotland, creating a community of reflective practitioners to support eachother going forward. It is particularly appropriate for teachers looking to move, or recently having moved, into promoted posts.

There is no cost for the programme, which is fully funded by BnG. Optional accreditation is available at £150.

Places are limited. Further details here on Social Enterprise Academy’s website.

’Eil stòiridh agad ri ìnnse mun ghlasadh-sluaigh?

Tha Foghlam Alba airson cluintinn mu dheidhinn gus am faigh sinn an cothrom ionnsachadh bho mar a chaidh dhuinn…
Education Scotland is capturing stories from lockdown in a book entitled, “What Scotland Learned”. This will highlight a collection of stories from across the Scottish education system to showcase some of the most innovative, effective and impactful examples of learning during lockdown. It is important that Gaelic is part of this, for which we invite submissions and promotion with other partners.

Please follow the guidance below to find out how to submit stories by 10 October.

https://education.gov.scot/improvement/scotland-learns/wsl/

COINNEAMH BHLIADHNAIL 2020

Seo agaibh LITIR Litir AGM 2020 agus clàr-chùisean CLAS AGM 2020  airson ar coinneamh bhliadhnail a tha gus tachairt tro zoom am bliadhna.

Cuine? feasgar Diardaoin 8mh Dàmhair @ 7f. Thigibh nar cuideachd!

Taic ri fhaighinn bho Foghlam Alba

Scotland Learns is part of Education Scotland’s focus to support children and young people during the Covid-19 crisis.  Previously we had a focus on supporting parents with learning at home. We are now focusing on supporting practitioners.

Practitioner activities for literacy and Gàidhlig may be found here:

https://education.gov.scot/improvement/scotland-learns/resources-for-practitioners/gaelic-medium-education-foghlam-meadhan-gaidhlig/

Practitioner newsletters and updates may be found here:

https://education.gov.scot/improvement/scotland-learns/resources-for-practitioners/a-weekly-newsletter-for-practitioners/

https://education.gov.scot/improvement/scotland-learns/resources-for-practitioners/gaelic-medium-education-foghlam-meadhan-gaidhlig/fios-information-for-practitioners/

All of the published learning activities through Gaelic may be found here:

https://education.gov.scot/improvement/scotland-learns/search/?l5=Gaelic%20Medium%20Education&SortBy=1

Co-fharpais 2020. Cò bhuannaich?

Co-fharpais ChLAS 2020

Bha tòrr phìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann am bliadhna is bha e gu math doirbh dìreach sia pìosan a thaghadh airson duaisean. Ach aig a’ cheann thall, ’s e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:

Fileantaich

A’ Chiad Duais – Lisa Ford, AS3, Àrd-sgoil Àird nam Murchan

An Dàrna Duais – Maria Monk, AS1, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

An Treas Duais – Joshua Turner, AS2, Àrd-sgoil Phort Rìgh

 

Luchd-Ionnsachaidh

A’ Chiad Duais – Calum MacCoinnich, AS3, Àrd-sgoil Gheàrrloch

An Dàrna Duais – Kyla NicMhurchaidh, AS2, Àrd-sgoil MhicNeacail

An Treas Duais – Kyla McCrae, AS2, Acadamaidh Chille Mheàrnaig

Mealaibh ur naidheachd le chèile!

Thèid na duaisean agus na teisteanasan air fad dhan na sgoiltean san Lùnastal.

Leabhran 2020