Daily Archives: An Dàmhair 23rd, 2012

Dè as motha a tha a’ còrdadh riut mun churaicealam airson sàr-mhathais?

Dè as motha a tha a’ còrdadh riut mun churaicealam airson sàr-mhathais?

Thoiribh ur beachdan seachad gu h-ìseal

Dè an uallach as motha a tha ort mu dheidhinn nan deuchainnean ùra?

Dè an uallach as motha a tha ort mu dheidhinn nan deuchainnean ùra?

Thoiribh ur beachdan seachad gu h-ìseal

Dè cho deiseil ’s a tha thu airson chùrsaichean ùra Nàiseanta 4 agus 5?

A’ Choinneamh Bhliadhnail – Litir

   A’ Choinneamh Bhliadhnail

 

 

Gu: Ballrachd CLAS                                                                          Dàmhar 2012

A Chàirdean choir

A thuilleadh air an fhiosrachadh a chaidh  thugaibh na bu tràithe air a’ mhìos, gheibhear a-nise an luib na litreach seo na paipearan foirmeil airson Coinneamh Bhliadhnail CLAS a thèid a chumail ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air Dihaoine 2 Samhain aig 8 uairean feasgar.

Anns a’ bhliadhna chaidh seachad tha CLAS air a bhith ag obair gu dìcheallach às leth tidsearan Gàidhlig nan àrd-sgoiltean dìreach mar a tha iad air a bhith thairis air an naoi  bliadhna o chaidh an stèidheachadh . Anns an ùine sin tha gnè na h-obrach aca air atharrachadh a rèir feumlachdan luchd-teagaisg agus foghlam na Gàidhlig. Gu ruige seo tha iad gu mòr an comain gach ball a tha air taic a thoirt airson amasan na buidhne a thoirt gu buil. Gun taic na ballrachd, cha bhi e comasach an obair dheatamach a tha ri dhèanamh a choileanadh.

Mar sin, thathas a’ cur impidh oirbh sibh tighinn chun na coinneimh airson cluinntinn mun obair anns a bheil sinn air a bhith an sàs, bhur taic a nochdadh agus bhur beachdan a thoirt. Mar a tha fios agaibh ’s e gnothaich CPD a th’anns a’ choinneimh seo agus anns an t-seadh sin cuideachd tha còir bhur làthaireachd a bhith na bhuannachd dhuibh gu proifeiseanta.

A thaobh nan tidsearan ùra a thòisich anns an Lùnastal, cuimhnichibh gu bheil ballrachd an asgaidh agaibhse ann an CLAS airson na bliadhna seo. Bhiodh e air leth math ur faicinn ann agus eòlas a chur oirbh. Bidh fàilte romhaibh!

Seach gu bheil CLAS daonnan a’ coimhead airson innleachdan ùra a chuidicheas a’ bhallrachd, thèid goireas ùr a chur air bhog aig a’ Choinneimh Bhliadhnail a bhios sonraichte feumail do thidsearan Gàidhlig agus a dhaingnicheas na ceanglaichean eatarra.  Bidh e math ur beachdan air a’ ghoireas seo fhaighinn air an oidhche gus an tèid an obair anns a bheil sinn uile an sàs, a neartachadh.

Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri taic nan uile fhaighinn air an fheasgar.

Leis gach deagh dhùrachd

Màiri Ellen Stìubhairt

Rùnaire CLAS

A’ Choinneamh Bhliadhnail – Clàr-chùisean

 A’ Choinneamh Bhliadhnail

                        

                  Dihaoine 2 Samhain 2012 aig 8 Feasgar

                               Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

                                           CLÀR CHÙISEAN    

1. Fàilte

2. An Làthair agus Leisgeulan

3. Mionaidean Coinneamh  Bhliadhnail 2011

4. Gnothaichean ag èirigh às a’ Mhionaid

5. Aithisg Na Bliadhna –An Cathraiche

6. Cunntasan na Bliadhna –An t-Ionmhaisear

7. Taghadh Comataidh

8. Taghadh Neach-Sgrùdaidh Neo-Eisimeileach

9. Gnothaich Iomchaidh Sam Bith Eile