Daily Archives: An Dàmhair 30th, 2013

Coinneamh Bhliadhnail 2013

Gu: Ballrachd CLAS                                                                          An Dàmhair 2013

CLAS logoA Chàirdean choir,

Coinneamh Bhliadhnail CLAS

Tha mi sgrìobhadh a leigeil fhaicinn dhuibh gun tèid Coinneamh Bhliadhnail CLAS a chumail  ann an Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis air Dihaoine 8 Samhain aig 8 uairean feasgar.

Anns a’ bhliadhna chaidh seachad tha CLAS a-rithist air a bhith ag obair gu dìcheallach às leth tidsearan Gàidhlig nan àrd-sgoiltean ann an iomadh raon den obair làitheil. Tha naoi bliadhna o chaidh CLAS a stèidheachadh  agus rè na h-ùine sin tha gnè na h-obrach aca air atharrachadh a rèir feumalachdan luchd-teagaisg agus foghlam na Gàidhlig. Gu ruige seo tha iad gu mòr an comain gach ball a tha air taic a thoirt ann an iomadh dòigh airson amasan na buidhne a thoirt gu buil. Gun taic na ballrachd, cha bhi e comasach an obair dheatamach a tha ri dhèanamh a choileanadh.

Mar sin, thathas a’ cur impidh oirbh sibh tighinn chun na coinneimh seo airson cluinntinn mun obair anns a bheil sinn air a bhith an sàs, bhur taic a nochdadh agus bhur beachdan a thoirt a thaobh na bliadhna th’ air thoiseach. Mar is dòcha tha fios agaibh, ’s e gnothaich CPD a th’anns a’ choinneimh seo agus anns an t-seadh sin cuideachd tha còir bhur làthaireachd a bhith na bhuannachd dhuibh gu proifeiseanta.

A thaobh nan tidsearan ùra a thòisich anns an Lùnastal, cuimhnichibh gu bheil ballrachd an asgaidh agaibhse ann an CLAS airson na bliadhna seo. Bhiodh e air leth math ur faicinn ann agus eòlas a chur oirbh. Bidh fàilte romhaibh!

Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri taic nan uile fhaighinn air an fheasgar.

Leis gach deagh dhùrachd

Alison Cheanadach

Rùnaire CLAS