Co-fharpais 2020. Cò bhuannaich?
Co-fharpais ChLAS 2020
Bha tòrr phìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann am bliadhna is bha e gu math doirbh dìreach sia pìosan a thaghadh airson duaisean. Ach aig a’ cheann thall, ’s e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:
Fileantaich
A’ Chiad Duais – Lisa Ford, AS3, Àrd-sgoil Àird nam Murchan
An Dàrna Duais – Maria Monk, AS1, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
An Treas Duais – Joshua Turner, AS2, Àrd-sgoil Phort Rìgh
Luchd-Ionnsachaidh
A’ Chiad Duais – Calum MacCoinnich, AS3, Àrd-sgoil Gheàrrloch
An Dàrna Duais – Kyla NicMhurchaidh, AS2, Àrd-sgoil MhicNeacail
An Treas Duais – Kyla McCrae, AS2, Acadamaidh Chille Mheàrnaig
Mealaibh ur naidheachd le chèile!
Thèid na duaisean agus na teisteanasan air fad dhan na sgoiltean san Lùnastal.
Co-fharpais 2020… Cò bhuannaich?
Co-fharpais ChLAS 2020
Bha pìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann am bliadhna is bha e gu math doirbh dìreach sia pìosan a thaghadh airson duaisean, ach aig a’ cheann thall ’s e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:
Fileantaich
A’ Chiad Duais – Lisa Ford, AS3, Àrd-sgoil Àird nam Murchan
An Dàrna Duais – Maria Monk, AS1, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
An Treas Duais – Joshua Turner, AS2, Àrd-sgoil Phort Rìgh
Luchd-Ionnsachaidh
A’ Chiad Duais – Calum MacCoinnich, AS3, Àrd-sgoil Gheàrrloch
An Dàrna Duais – Kyla NicMhurchaidh, AS2, Àrd-sgoil MhicNeacail
An Treas Duais – Kyle McCrae, AS2, Acadamaidh Chille Mheàrnaig
Mealaibh ur naidheachd gach duin’ agaibh!
CLAS a’ toirt taic ri Webinar Foghlam Alba an ath sheachdainn
Tha Foghlam Alba a’ cumail Webinar an ath sheachdainn air Gàidhlig/Gaelic anns a ‘Senior Phase’ (11.30-12.30 air Diciadain an 24mh.) Tha Catriona, John agus Shonagh à CLAS gu bhith a’ toirt seachad am beachdan cuideachd. Ma tha sibh idir a’ teagasg Gàidhlig do fhileantaich no luchd-ionnsachaidh ann an AS4-6, bhiodh seo taiceil agus inntinneach dhuibh. Siuthadaibh, cuiribh ur n-ainm thuca tron cheangal seo:
Co-obrachadh le chèile agus le Bòrd na Gàidhlig
Tha sinn gus cò-obrachadh le Bòrd na Gàidhlig gus cruinneachadh a dhèanamh de chlàran-ama thidsearan anns na h-àrd-sgoiltean. Bhiodh seo air leth feumail gus beachd fhaighinn air nuair a tha diofar thidsearan saor aig an aon àm nam biodh iad airson fios a chumail aig càch a-chèile, cothroman air-loidhne a chur air dòigh eadar sgoiltean, cò-obrachadh, no iomadh rud eile. Leis mar a tha sinn a’ dèanamh gach rud air-loidhne na làitheansa, cò aig tha fios nach atharraich seo iomadh rud nar sgoiltean agus bhiodh e math nam biodh sinn ceum air thoiseach ann a bhith a’ dèanamh seo nas fhasa do chàch a chèile. Tha sinn a’ tuigsinn nach eil aon duine againn a’ leantainn na clàran-ama àbhaisteach an-dràsta, ach nuair a bhios iad deiseil agaibh, bhiodh e math nam b’urrainn dhuibh dreach a chur gu eoghan@gaidhlig.scot a tha na Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) aig a’ Bhòrd. Nam b’urrainn dhuibh uairean nan tràthan innse cuideachd, bhiodh sin feumail. Cuiribh thuige iad anns an dòigh as fhasa dhuibh fhèin: ceangailte ri post-d no mar dhealbh, ach le “Clàr-ama – Ainm na sgoile” anns an tiotal. Bidh sinn an dòchas gun tig tòrr taic agus cò-obrachadh às an seo!