Co-labhairt ChLAS 2021
Bha co-labhairt air leth soirbheachail againn san Òg-mhìos. Chòrd e ri gach neach a rinn ceangal air an latha. Mar a thuirt feadhainn:
“Bha deagh mheasgachadh de sheiseanan ann agus iad uile cho feumail. Taing mhòr dhuibh son a chur air dòigh.”
“Bha seo math dha rìribh a bhith a coinneachadh le luchd-teagaisg Gàidhlig agus chuspairean FtMG tro Alba – bha seo air a bhith doirbh fhaighinn thuige nan robh e air a bhith steidhichte ann an doigh thràidiseanta. Buannachd a thainig a-mach a Covid!”
“Chan eil mi creidsinn cho math sa bha seo uile a’ còrdadh rium!”
Abair beachdan tlachdmhor.
Taing dhan a h-uile duine agaibh a chuidich sinn le bhith a’ cruthachadh seiseanan agus a rinn ceangal air an latha no aig àm sam bith eile.
Mu nach robh cothrom agaibh a bhith an làthair, nach toir sibh sùil an-dràsta air na bha a’ dol. Fàgaidh sinn seo beò mar ghoireas dhuibh: