Co-labhairt – tapadh leibh!

Bha fìor dheagh cho-labhairt againn aig SMO am bliadhna. Ghabh buill pàirt ann am measgachadh de bhùithtean-obrach is tachartasan thairis air an deireadh sheachdain. Chòrd e rinn gu mòr cluinntinn bho Anna Thirkell (SMO), Joan NicAoidh (Foghlam Alba) agus Marilyn Waters (SQA). Fhuair sinn cuideachd cothrom coinneachadh ri tidsearan eile ann am buidhnean cuspaireil is chaidh goireasan is eòlas a roinn.

Ged a bha cuid againn teagmhach ro làimh, tha e coltach gun robhar gu math measail air Highland Hustle cuideachd – taing mhòr dha Eilidh Ghrannd airson sin a lìbhrigeadh ann an dòigh cho spòrsail (agus tuigseach!).

Chluich Eilidh NicPhàidein agus caraidean aig a’ chèilidh air an oidhche – chaidh am pathadh agus am miann dannsaidh againn a shàsachadh gu math!

Tha sinn fada an comain Sabhal Mòr Ostaig airson an cuid aoigheachd agus dha Bhòrd na Gàidhlig airson an taic airgid.

Sgrìobh beachd