Farpais Sgrìobhaidh

Ann an seisean 2023-2024 chuir sinn farpais sgrìobhadh ChLAS air dòigh a-rithist do sgoilearan Gàidhlig air feadh na h-Alba, an dà chuid do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh.

B’ e bliadhna shoirbheachail a bh’ ann le 183 pìosan sgrìobhaidh uile gu lèir! Chaidh na duaisean gu sgoilearan ann an Àrd-sgoil Àird nam Murchan, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, Àrd-sgoil Gheàrrloch (1 x fileantach, 1 x neach-ionnsachaidh), Àrd-sgoil Loch Abar agus Àrd-sgoil a’ Phluic. Fhuair na buannaichean cairtean One4All mar dhuais agus fhuair a h-uile sgoilear a ghabh pàirt teisteanas. Chaidh na teisteanasan a chlò-bhualadh gu proifeasanta.

Tha e soilleir gu bheil tòrr sgoilearan Gàidhlig air feadh na h-Alba le ùidh ann an sgrìobhadh agus anns a’ Ghàidhlig. Bha a’ mhòr-chuid de na pìosan a rinn luchd-ionnsachaidh aig ìre gu math àrd agus sgrìobh iad mu dheidhinn iomadh rud fo na tiotalan “Mise” no “Am Baile Agam.”

A bharrachd air sin, tha na cuspairean airson nam fileantach gu math fosgailte gach bliadhna airson cothrom a thoirt dhaibh sgrìobhadh ann an stoidhle sam bith. Tha iad mar is àbhaist a’ buntainn ri rudan a tha a’ tachairt tron bhliadhna sin. Mar eisimpleir, chaidh “Ball-coise” a thaghadh air sgàth ‘s gun robh na h-Euros a’ gabhail àite. Cuideachd, bha “Beul-aithris” agus “An Sgìre Agam” ann. Fhuair sinn deagh mheasgachadh de phìosan cruthachail, pearsanta agus fiosrachail. Ged a bha mearachdan gràmar cumanta a’ nochdadh bho àm gu àm, bha pìosan gu math làidir ann, le deagh Ghàidhlig agus sgilean sgrìobhaidh air an cleachdadh.

Sgrìobh beachd