Slighe gu Teagasg

Slighe Gu Teagasg 4-7 An t-Samhain 2024 

Tha mi a’ sgrìobhadh thugaibh gus ur n-aire a thogail air cothrom sònraichte a tha sgioba Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig a’ cur air dòigh.  Tha sinn a’ tabhann trì làithean ionnsachaidh air an làrach na colaiste do sgoilearan san 5mh & 6mh bliadhna ann an Comhairle na Gàidhealtachd aig a bheil ùidh ann an teagasg Gàidhlig.  Bu chòir a h-uile pìos fiosrachaidh a bhith anns a’ bhileag a tha an lùib am post-d a tha seo.  Am biodh sibh cho math seo a sgaoileadh am measg nan sgoilearan agaibh?  Tha an ùine caran teann, feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh tron cheangal sa bhileag ro 10 an Dàmhair.  Ma tha ceistean sam bith a bharrachd agaibh, leigibh fios dhomh agus nì mi mo dhìcheall ur ceistean a fhreagairt.

Le deagh dhùrachdan,

Katie Wight

Sabhal Mòr Ostaig

Òraidiche (Foghlam Thidsearan)/ Lecturer (Teacher Education)

Sgrìobh beachd