Rannsachadh Nàiseanta air Foghlam tro Ghàidhlig Àrd-sgoile.

Rannsachadh Nàiseanta air Foghlam tro Ghàidhlig Àrd-sgoile.

An t-Iuchair – An Dùbhlachd 2025

Is mathaid gum bi fios agaibh gu bheil am proiseact rannsachaidh nàiseanta seo air tòiseachadh san Iuchar 2025, maoinichte le Bòrd na Gàidhlig. Bidh Prof. Wilson MacLeòid agus mi-fhìn a’ beachdachadh air cleachdaidhean an-dràsta ann an lìbhrigeadh is solarachadh foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig agus na cothroman is bacaidhean a tha ann airson an siostam a leasachadh a bharrachd – le fòcas sònraichte air co-obrachadh eadar-ùghdarrasail. 

Bidh sinn a ‘ bruidhinn ri ùghdarrasan ionadail, buidhnean nàiseanta agus Riaghaltas na h-Alba tron t-Sultain agus an Dàmhair, leis an dreachd aithisg a’ dol don Bhòrd san Dùbhlachd 2025 (le molaidhean airson ùghdarrasan ionadail, buidhnean nàiseanta, Bòrd na Gàidhlig agus an Riaghaltas).

Bidh sinn a’ coimhead cuideachd air na h-ionnstramaidean reachdail a tha a’ bualadh air solarachadh àrd-sgoile m.e. Achd nan Cànanan Albannaich, an Stiùireadh Reachdail agus A’ Chomhairle air Foghlam Gàidhlig. A bharrachd air sin nì sinn sgrùdadh air cleachdadh ann an dùthchannan eile – mar eisimpleir, sa Chuimrigh agus ann an Èirinn far a bheil na siostaman àrd-sgoile tro Chuimris / Gaeilge nas leasaichte.

Tha sinn an impis coinneamh a chur an dòigh le luchd-teagaisg a’ riochdachadh CLAS ach cuiridh sinn fàilte air beachdan agus smuaintean sam bith bho luchd-teagaisg eile thairis air an dùthaich. Bidh sinn a’ bruidhinn cuideachd ri daoine òga ann am FtG AS ann an Glaschu agus Dùn Èideann agus ri pàrantan à deifir sgìrean (còmhla ri Comann nam Pàrant Nàiseanta). Mar sin dheth bhiodh e gu math cudromach ur beachdan fhaighinn – dìreach thigibh air ais dhuinn aig na seòlaidhean seo is cuiridh sinn ur smuaintean ris na beachdan a tha sinn a’ tional à oifigearan nàiseanta agus teaghlaichean a’ cleachdadh an t-siostaim againn.

Ceistean sam bith eile dìreach leigibh fios

Luchd-rannsachaidh ag obair air a’ phròiseict:

Jim Whannel – jimgaidhlig@hotmail.com

Wilson MacLeòid – wilsonmacleoid@gmail.com

Sgrìobh beachd