Co-fharpais ChLAS 2015
A charaid chòir,
Mòran taing gu a h-uile duine a ghabh pàirt ann an co-fharpais ChLAS am-bliadhna. Bha tòrr phìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann is bha e gu math doirbh dìreach sia phìosan a thaghadh airson duaisean fhaighinn.
’S e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:
Luchd-ionnsachaidh
A’ Chiad Duais – Sophie Forsyth, Àrd-sgoil Loch Abair
An Dàrna Duais – Raonaid Chaimbeul, Sgoil Sir E Scott
An Treas Duais – Kirstyn Rowantree, Àrd-sgoil Àird nam Murchan
Fileantaich
A’ Chiad Duais – Hallie Miles-Shinnie, Àrd-sgoil Phort-Rìgh
An Dàrna Duais – Ruairidh Cormaig, Acadamaidh Inbhir Pheofharain
An Treas Duais – Uilleam MacDhughaill, Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil.
Tha fiosrachadh air a dhol gun a sgoiltean seo a-nis.
Tha leabhran beag le na pìosan sgrìobhaidh aca uile an-seo: https://clas123.wordpress.com/159-2/ (feumar facal-faire)
Dùrachdan,
Kirsten NicDhòmhnaill
Co-fharpaisean 2015
Co-fharpaisean 2015
S1 & 2 Gaelic Writing Competitions
Tha Comann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean (CLAS) a’ ruith co-fharpaisean sgrìobhaidh do sgoilearan air a’ chiad agus an dàrna bliadhna anns an àrd-sgoil. Tha aig sgoilearan a tha ag ionnsachadh Gàidhlig ri sgrìobhadh mu na caraidean aca no ri sgrìobhadh mu na rudan is toigh leotha agus nach toigh leotha. Thathas air iarraidh air sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sgrìobhadh mu ‘An consairt’ no ‘Beatha air planaid eile’. Faodaidh gach sgoil na 10 pìosan as fheàrr bho na clasaichean aca a chur air adhart airson na co-fharpaisean ro Dhiluain 8 An t-Òg Mhios. Tha am fiosrachadh air fad mu na co-fharpaisean an-seo: www.clas123.wordpress.com/co-fharpaisean
Comann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean (CLAS), the professional association for Gaelic secondary teachers, is running Gaelic writing competitions for Gaelic Medium and Gaelic Learners in S1 & 2. Gaelic Learners are being asked to write about their friends or their likes & dislikes. Students in Gaelic Medium are being asked to write about ‘A concert’ or ‘Life on another planet’. Each school can submit the 10 best pieces from each of their classes before Monday 8 June. Further details are available here: www.clas123.wordpress.com/co-fharpaisean