Co-fharpais 2020… Cò bhuannaich?

Co-fharpais ChLAS 2020

Bha pìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann am bliadhna is bha e gu math doirbh dìreach sia pìosan a thaghadh airson duaisean, ach aig a’ cheann thall ’s e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:

Fileantaich

A’ Chiad Duais – Lisa Ford, AS3, Àrd-sgoil Àird nam Murchan

An Dàrna Duais – Maria Monk, AS1, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

An Treas Duais – Joshua Turner, AS2, Àrd-sgoil Phort Rìgh

 

Luchd-Ionnsachaidh

A’ Chiad Duais – Calum MacCoinnich, AS3, Àrd-sgoil Gheàrrloch

An Dàrna Duais – Kyla NicMhurchaidh, AS2, Àrd-sgoil MhicNeacail

An Treas Duais – Kyle McCrae, AS2, Acadamaidh Chille Mheàrnaig

 

Mealaibh ur naidheachd gach duin’ agaibh!

 

CLAS a’ toirt taic ri Webinar Foghlam Alba an ath sheachdainn

Tha Foghlam Alba a’ cumail Webinar an ath sheachdainn air Gàidhlig/Gaelic anns a ‘Senior Phase’  (11.30-12.30 air Diciadain an 24mh.) Tha Catriona, John agus Shonagh à CLAS gu bhith a’ toirt seachad am beachdan cuideachd. Ma tha sibh idir a’ teagasg Gàidhlig do fhileantaich no luchd-ionnsachaidh ann an AS4-6, bhiodh seo taiceil agus inntinneach dhuibh. Siuthadaibh, cuiribh ur n-ainm thuca tron cheangal seo:

Co-obrachadh le chèile agus le Bòrd na Gàidhlig

Tha sinn gus cò-obrachadh le Bòrd na Gàidhlig gus cruinneachadh a dhèanamh de chlàran-ama thidsearan anns na h-àrd-sgoiltean. Bhiodh seo air leth feumail gus beachd fhaighinn air nuair a tha diofar thidsearan saor aig an aon àm nam biodh iad airson fios a chumail aig càch a-chèile, cothroman air-loidhne a chur air dòigh eadar sgoiltean, cò-obrachadh, no iomadh rud eile. Leis mar a tha sinn a’ dèanamh gach rud air-loidhne na làitheansa, cò aig tha fios nach atharraich seo iomadh rud nar sgoiltean agus bhiodh e math nam biodh sinn ceum air thoiseach ann a bhith a’ dèanamh seo nas fhasa do chàch a chèile. Tha sinn a’ tuigsinn nach eil aon duine againn a’ leantainn na clàran-ama àbhaisteach an-dràsta, ach nuair a bhios iad deiseil agaibh, bhiodh e math nam b’urrainn dhuibh dreach a chur gu eoghan@gaidhlig.scot a tha na Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) aig a’ Bhòrd. Nam b’urrainn dhuibh uairean nan tràthan innse cuideachd, bhiodh sin feumail. Cuiribh thuige iad anns an dòigh as fhasa dhuibh fhèin: ceangailte ri post-d no mar dhealbh, ach le “Clàr-ama – Ainm na sgoile” anns an tiotal. Bidh sinn an dòchas gun tig tòrr taic agus cò-obrachadh às an seo!

Taigh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu

Ma tha duine dhan na sgoilearan agaibh an dùil a thòiseachadh an Oilthigh Ghlaschu am bliadhna, innis dhaibh mun sgeama Taigh na Gàidhlig (na gabh dragh gu bheil an ceann-latha seachad). Sàbhailidh e sgillinnean dhaibh agus bheir e dhaibh an cothrom a’ Ghàidhlig aca a chleachdadh…agus caraidean ùra a dhèanamh.

Duilleag Ùr le Stòrlann

Tha Stòrlann air duilleag ùr fhoillseachadh le goireasan freagarrach airson ionnsachadh aig an taigh.

Co-fharpais CLAS 2020 do Fhileantaich agus Luchd-ionnsachaidh ÀS1-3

Tuilleadh fiosrachaidh mun fharpais luchd-ionnsachaidh an seo (PDF), fileantaich an seo (PDF) agus stiùireadh do thidsearan (PDF). Duaisean luch £50 don fheadhainn a bhuannaicheas, siuthadaibh!

Stòras curraicealaim an t-Seòmar-clas thruacanta agus co-cheangailte

Tha Foghlam Alba air sreath goireasan fhoillseachadh air an t-Seòmar-clas thruacanta agus co-cheangailte. Bidh iad seo feumail ’s dòcha dhan bhliadhnaichean àrd-sgoile as òige agus ceann shuas na bun-sgoile.

Goireasan Matamataig le Foghlam Alba

Tha Foghlam Alba air goireasan Matamataig fhoillseachadh a bhios nan cuideachadh ann an ionnsachadh aig an taigh.

Air an duilleag seo chìthear ceangal gu faidhle ”S e Neach-matamataig a th’ annam!’

Agus an seo tha mòran faidhlichean air briathrachas agus cudromachd Matamtaig.

Goireasan Àrd-sgoile BBC Bitesize

Àrd Ìre
Higher Gaelic (Learners)        https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zpscdmn
Àrd Ìre Gàidhlig                      https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zgrsbk7

Nàiseanta 5
Cruinn-eòlas                           https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zcxxsbk
Eachdraidh                                      https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/z466fg8
Gàidhlig                                             https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zjssgk7
Gnìomhan Matamataigs          https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zshd3k7
Matamataig                                   https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/z8tvk2p
Nuadh-eòlas                                   https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/z9ttyrd
Gaelic (Learners)                           https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zgxmn39

Nàiseanta 4
Cruinn-eòlas                           https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zb77hyc
Eachdraidh                                     https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zg22pv4
Gàidhlig                                  https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zwnnb9q
Gnìomhan Matamataigs       https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zst8v9q
Matamataig                           https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zpfcqhv
Nuadh-eòlas                           https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zrmmn39
Gaelic (Learners)                       
https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zr6xsbk

Bitesize – Goireasan Bun-sgoile

A’ Chiad Ìre
Àireamhachd & Matamataig             https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zrghbdm
Saidheansan                                       https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zjwbd6f

An Dàrna Ìre
Àireamhachd & Matamataig                 https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zhhwt39
Litearrachd & Gàidhlig                      https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zbghbdm
Saidheansan                                       https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/znnqpg8
Cuspairean Sòisealta                                 https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zmdq92p
(Cogaidhean na Saorsa & Bhictòrianaich)

Goireasan air TBh agus air Rèidio

CBeebies ALBA                       https://www.bbc.co.uk/cbeebies/shows/alba
Stòiridh air iPlayer                  https://www.bbc.co.uk/iplayer/episodes/m0000cg9/stoiridh
BBC ALBA air iPlayer
               https://www.bbc.co.uk/tv/bbcalba
BBC Radio nan Gàidheal        https://www.bbc.co.uk/schedules/p00fzl81#on-now
BBC Beag air Bheag                https://www.bbc.co.uk/programmes/b05mzzhr

Ceangalan Feumail airson Foghlam aig Astar

Beag air Bheag (a’ gabhail a-steach criomagan fuaim, podcasts, tar-sgrìobhaidhean agus Oisean a Ghràmair)

BBC Naidheachdan (Criomagan Coimhead/Èist)

Litir do Luchd-ionnsachaidh

An Litir Bheag

Rogha is Taghadh (gach seachdain a’ toirt sùil air ais air na bh’ anns na prògraman tron sheachdain)

Breab do Rapal (gach oidhche Luain bidh òigridh a’ lìbhrigeadh a’ phrògraim)