Sgeama Treòrachaidh

Sgeama Treòrachaidh / Meantarachd ChLÀS

Sgeama airson taic a thoirt do thidsearan a tha ùr nan dreuchd, le bhith a’ dèanamh ceangal eadar iad fhèin agus tidsear nas eòlaich.

Tha barrachd fiosrachadh mun sgeama aig bonn na duilleig.

Ged is e tidsear Gàidhlig, Gaelic, no ann an cuspair sam bith tro mheadhan na Gàidhlig a th’ annaibh, nì sinn ar dìcheall gus ur cuideachadh. Chan eil agaibh ach a bhith nur buill de ChLÀS agus ur n-ainm a chur thugainn;

Sgeama-Treòrachaidh ChLAS: Barrachd fiosrachadh

Dè gheibh sibh às mar thidsear ùr:

  • Barrachd misneachd anns gach pàirt den dreuchd agaibh
  • Cothrom pàirt a ghabhail ann an eacarsaichean deatamach gus leasachadh na sgilean agus an eòlas agaibh air cùrsaichean agus ìrean sgoilearan (mar eisimpleir, tar-cheartachadh)
  • Cuideigin a chumas taic ribh a bhios a’ freagairt ur ceistean agus a’ cuideachadh le teagamh a dh’fhaodas a bhith agaibh
  • Stiùireadh air far am faigh sibh goireasan a bhios freagarrach
  • Beachdan air mar as urrainn dhuibh deiligeadh le gach rud a bhios romhaibh tron bhliadhna
  • Cuideachadh a-rèir na feumalachdan agaibh fhèin

(Bidh seo uile a-rèir an t-suidheachadh anns a bheil sibh is na feumalachdan a th’agaibh)

Ach ’se cothrom a th’ann do thidsearan nas eòlaich cuideachd!

Dè gheibh sibh às mar mheantor:

  • Fìor dheagh chothrom CPD
  • Cothrom sgilean còidsidh a chleachadh agus a leasachadh
  • Sgilean ceannardas
  • Cothrom cleachdadh agus co-roinn sgilean agus eòlas a tha sibh air a thogail thar bhliadhnaichean

Dè bu chòir dhuibh dèanamh:

  • Taic a chumail ris an tidsear tro phost-dealain, fòn no ann an coinneamhan
  • Cainnt còidsidh a chleachadh gus an stiùireadh freagairtean fhaighinn dhaibh fhèin
  • An cuideachadh gus goireasan a lorg no cuir goireasan thuca far a bheil seo iomchaidh
  • Ùine a chosg air tar-cheartachadh leotha gus an cuid sgilean a leasachadh le taic bhuaibh
  • Èisteachd ris na draghan aca agus an cuideachadh gus fuasglaidhean fhaighinn
  • Clàr a chumail air an ùine a chosgas sibh air taic a chumail riutha
  • Gam misneachadh

(Bidh seo uile a-rèir an tisdear agus na feumalachdan a th’aca)

Siuthadaibh! Cuiribh fios thugainn airson pàirt a ghabhail anns an sgeama!

%d bloggers like this: