Fiosrachadh bho Mairead NicEacharna:
Tha mi a’ sgríobhadh as leth CLDRG. Ní sin tréanadh do luchd-teagaisg chlasaichean-oidhche 5 láithean sa bhliadhna. ‘Son an ath chlas tha sinn airson latha a dhéanamh air sgilean teagaisg agus tha mi a’ rúrach cuideigin freagarrach airson an tréanadh a thoirt seachad.
‘S e am plana – tréanadh sa mhadainn, oileanaich gun Gháidhlig a thoirt a-staigh feasgar gus an déan na luchd-teagaisg seórsa “crit lesson”. Bidh sinn ag amas air daoine gun eólas sam bith air teagasg, ach a tha air tighinn tro chlasaichean agus a bhios deónach a smaointinn air teagasg (clasaichean-oidhche) ma gheibh iad taic. Cuideachd ’s dócha gum biodh fileantaich ann a tha air a bhith a’ teagasg ach gun tréanadh.
Bidh an tréanadh air Disathairne 6 Sultain ann an Glaschu (venue tbc), eadar 10m – 4f, páigheadh an latha £250+cosgaisean siubhail. Mar as ábhaist bidh eadar 6 – 12 anns gach clas. Bidh ar clasaichean déante tro mheadhan na Gáidhlig, ach on nach bi na luchd-teagaisg daonnan cho fileanta sin feumaidh rud beag Beurla a bhith ann a-nis ’s a-rithist. A bheil beachd agad air cuideigin a ní an clas? Bhithinn nad chomain ’son beachd sam bith. Mairead NicEacharna. Post-d: gaelicinislay@yahoo.com