Aithisg Bhliadhnail a’ Chathraiche 2018

Feasgar math dhuibh uile agus fàilte gu Coinneamh Bhliadhnail 2018, aig CLAS, Comann
Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean. Tha sinn glè thoilichte a bhith a’ coinneachadh air ais aig an Alltan agus bu mhath leam taing a thoirt gu Stòrlann airson an cuid fialaidheachd ann a bhith a’ cur rùm cho cofhurtail, (agus cofaidh!) air dòigh dhuinn.
’S e bliadhna thrang eile a tha air a bhith aig CLAS, le bhith a’ riochdachadh tidsearan agus an cuid bheachdan tron bhliadhna. Chan e sin a-mhàin, thàinig bliadhna na sgoile gu crìch gu soirbheachail dhuinn le co-labhairt a chum sinn aig Sabhal Mòr Ostaig aig toiseach an Òg-Mhios. ’S e cothrom air leth a bh’ ann faicinn na diofar ghoireasan a bha anns an t- Sabhal Mhòr agus cluinntinn mu na diofar chùrsaichean a bhathar a’ tairgse do dh’oileanaich. Bidh e feumail dhuinne, mar thidsearan, nuair a bhios na sgoilearan a’
faighneachd dhuinn mu na diofar chothroman sa Ghàidhlig.
Ged a bha gach tachartas aig a’ Cho-labhairt feumail dhuinn gu proifeiseanta a-thaobh
trèanadh agus fiosrachadh, chan urrainn dhuinn gun a ràdh cho buileach tlachdmhor sa bha e an cothrom fhaighinn a bhith uile gu lèir còmhla. Chan eil sinn a’ faighinn na cothroman sin tric gu leòr san latha a th’ ann. Agus le cuspair mar a’ Ghàidhlig, far a bheil beag gu leòr de thidsearan ann…agus sinn nas trainge na bha sinn a-riamh, ’s e cothrom prìseil a bh’ ann dhuinn coinneachadh. Tidsearan òga agus feadhainn nas sine, tidsearan ùra agus feadhainn nach eil cho ùr!! Thàinig sinn uile còmhla, agus shoirbhich leinn. Ged a bha tòrr obair na chois, tha sinn den bheachd, agus chaidh innse dhuinn bho na bha an làthair, gum b’ fhiach a dhèanamh a-rithist.
Tha sinn cuideachd air a bhith trang leis na gnìomhan a tha sinn ris gach bliadhna: a’ cho- fharpais sgrìobhaidh againn, a’ beachdachadh air deuchainnean agus goireasan-teagaisg, agus a’ coinneachadh tron bhliadhna gus togail air diofar ghnothaichean a tha a’ bualadh air tidsearan. Tha seo uile gar cumail glè thrang. Air an làimh eile, leis nach eil guth nas làidire ann airson tidsearan Gàidhlig san latha a th’ ann, ’s e obair nas cudromaich a th’ ann gach latha. Tha sinn nas làidir nuair a tha guth aonaichte againn.
Feumaidh mi mar sin, taing a thoirt dhan chomataidh air fad airson cho taiceil sa bha iad tron bhliadhna. Chan e obair cho furasta a th’ ann nuair nach eil a leithid air a’ chomataidh.
THA beàrnan air a’ chomataidh (ged nach eil duine airson fàgail am bliadhna-sa, ’s e
dearbhadh a tha sin air cho tlachdmhor sa tha e a bhith mar phàirt den chomataidh!) Mar sin, ma tha duine agaibh airson a thighinn nar cuideachd, na biodh eagal oirbh ur n-ainmean a thoirt dhuinn a-nochd (Tha iomadh probationer air tighinn air a’ chomataidh bho thòisich sinn!) Còrdaidh e ribh agus bidh e feumail dhuibh cuideachd.
Tha mi cuideachd airson taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson am maoineachadh a
bhios iad a’ toirt dhuinn gach bliadhna a dh’iarras sinn. Às aonais an taic sin, cha bhiodh e comasach dhuinn a bhith a’ dèanamh na bhios sinn a’ dèanamh. Mòran taing dhuibhse
cuideachd airson a bhith an seo còmhla rinn a-nochd. Tha min dòchas gun còrd an t-Alltan ribh, agus gum bi e feumail dhuibh ann an iomadh dòigh.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s

%d bloggers like this: