Tha sinn gus cò-obrachadh le Bòrd na Gàidhlig gus cruinneachadh a dhèanamh de chlàran-ama thidsearan anns na h-àrd-sgoiltean. Bhiodh seo air leth feumail gus beachd fhaighinn air nuair a tha diofar thidsearan saor aig an aon àm nam biodh iad airson fios a chumail aig càch a-chèile, cothroman air-loidhne a chur air dòigh eadar sgoiltean, cò-obrachadh, no iomadh rud eile. Leis mar a tha sinn a’ dèanamh gach rud air-loidhne na làitheansa, cò aig tha fios nach atharraich seo iomadh rud nar sgoiltean agus bhiodh e math nam biodh sinn ceum air thoiseach ann a bhith a’ dèanamh seo nas fhasa do chàch a chèile. Tha sinn a’ tuigsinn nach eil aon duine againn a’ leantainn na clàran-ama àbhaisteach an-dràsta, ach nuair a bhios iad deiseil agaibh, bhiodh e math nam b’urrainn dhuibh dreach a chur gu eoghan@gaidhlig.scot a tha na Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) aig a’ Bhòrd. Nam b’urrainn dhuibh uairean nan tràthan innse cuideachd, bhiodh sin feumail. Cuiribh thuige iad anns an dòigh as fhasa dhuibh fhèin: ceangailte ri post-d no mar dhealbh, ach le “Clàr-ama – Ainm na sgoile” anns an tiotal. Bidh sinn an dòchas gun tig tòrr taic agus cò-obrachadh às an seo!
Puist ùra
Cuspairean
Lorg
Seann Stuth
Data
- 9,224 hits