Co-labhairt ChLAS 2021

Bha co-labhairt air leth soirbheachail againn san Òg-mhìos. Chòrd e ri gach neach a rinn ceangal air an latha. Mar a thuirt feadhainn:

“Bha deagh mheasgachadh de sheiseanan ann agus iad uile cho feumail. Taing mhòr dhuibh son a chur air dòigh.”

“Bha seo math dha rìribh a bhith a coinneachadh le luchd-teagaisg Gàidhlig agus chuspairean FtMG tro Alba – bha seo air a bhith doirbh fhaighinn thuige nan robh e air a bhith steidhichte ann an doigh thràidiseanta.  Buannachd a thainig a-mach a Covid!”

“Chan eil mi creidsinn cho math sa bha seo uile a’ còrdadh rium!”

Abair beachdan tlachdmhor.

Taing dhan a h-uile duine agaibh a chuidich sinn le bhith a’ cruthachadh seiseanan agus a rinn ceangal air an latha no aig àm sam bith eile.

Mu nach robh cothrom agaibh a bhith an làthair, nach toir sibh sùil an-dràsta air na bha a’ dol. Fàgaidh sinn seo beò mar ghoireas dhuibh:

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s

%d bloggers like this: