Coinneamh Bhliadhnail 2018

Thèid Coinneamh Bhliadhnail CLÀS a chumail aig An Alltan ann an Ionad Co-labhairt MhicDhòmhnaill san Aghaidh Mhòir air Dimàirt 25 An t-Sultain aig 7.30 feasgar.

Tron bhliadhna a chaidh seachad, tha CLÀS air a bhith ag obair gu dìcheallach às leth tidsearan Gàidhlig nan àrd-sgoiltean ann an iomadh raon den obair làitheil aca agus a thaobh deuchainnean agus cùrsaichean ùra. Tha a’ bhuidheann gu mòr an comain gach ball a tha air taic a thoirt ann an iomadh dòigh airson amasan na buidhne a thoirt gu buil. Gun taic na ballrachd, cha bhi e comasach an obair dheatamach a tha ri dhèanamh a choileanadh.

Mar sin, thathas a’ cur cuireadh thugaibh a thighinn chun na coinneimh seo airson cluinntinn mun obair anns a bheil sinn air a bhith an sàs agus bhur beachdan fhaighinn airson na thèid a dhèanamh an ath bhliadhna. A bharrachd air a seo, ’s e cothrom math CPD a th’ anns a’ choinneimh seo agus anns an t-seadh sin cuideachd tha còir bhur làthaireachd a bhith na bhuannachd dhuibh gu proifeiseanta.

A thaobh nan tidsearan ùra a thòisich am bliadhna sa, tha ballrachd an asgaidh ann dhuibhse ann an CLÀS airson na bliadhna seo. Bhiodh e air leth math ur faicinn ann agus eòlas a chur oirbh. Bidh fàilte chridheil romhaibh!

Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri taic nan uile fhaighinn air an fheasgar.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s

%d bloggers like this: