Mòran taing gu a h-uile duine a ghabh pàirt ann an co-fharpais ChLÀS am-bliadhna. Bha tòrr phìosan sgrìobhaidh fìor mhath ann is bha e gu math doirbh dìreach sia phìosan a thaghadh airson duaisean fhaighinn.
’S e na sgoilearan a bha soirbheachail ann a bhith a’ faighinn duais am bliadhna:
Luchd-Ionnsachaidh
A’ Chiad Duais – Elissa Hunter-Dorans, ÀS2, Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn
An Dàrna Duais – Cameron Williams, ÀS1, Àrd-sgoil Thobar Mhoire
An Treas Duais – Joni Smith, ÀS1, Àrd-sgoil Lionacleit
Fileantaich
A’ Chiad Duais – Eòin Cuimeanach, ÀS3, Àrd-sgoil Gheàrrloch
An Dàrna Duais – Iona Davidson, ÀS2, Àrd-sgoil MhicNeacail
An Treas Duais – Niamh Craig, ÀS2, Àrd-sgoil Grainnse
Mealaibh ur naidheachd!
Tha na pìosan sgrìobhaidh aca uile fodha.
Buannaichean
Luchd-ionnsachaidh
A’ Chiad Duais
Elissa Hunter-Dorans
ÀS2
Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn
Mise
Chuir m’ athair ’s mo mhàthair an t-ainm Elissa orm oir chunnaic iad i ann an crossword. Rannsaich iad an t-ainm agus lorg iad gum b’ e Elissa an t-ainm a bh’ air an seann ban-rìgh bho Tuinisea. Is toigh le mo phàrantan am fuaim agus cuideachd sgeulachd an t-ainm agam.
Tha mi trì bliadhna deug a dh’aois agus tha mi air fuireach ann an Inbhir Nis bhon là-breith agam ann am bothan beag aosta – còrr is dà cheud bliadhna a dh’aois. Cuideachd bha seann-chraobh àrd againn ach bhàs e bliadhna air ais. Gheàrr sinn sìos e le cridhean mar chloichean. Is toigh leam a’ fuireach an seo oir tha sinn faisg air meadhan a’ bhaile ach tha an sràid againn uabhasach sàmhach le allt brèagha agus tòrr craobhan – tha e mar a bhith anns an dùthaich!
Thòisich mi Gàidhlig ionnsachadh faisg air dà bhliadhna air ais nuair a thàinig mi dhan àrd-sgoil. Thagh mi Gàidhlig oir tha ùidh glè mhòr agam ann an seann-ceòl, dualchas agus cànan nan Gàidheal! ’S ùrrainn dhomh an fhìdeag a chluich ach cuideachd tha mi ag ionnsachadh an fhidheall agus a’ phìob-bheag. Bidh mi a’ cluich ann an còmhlan-ciùil cèilidh leis an t-ainm “Astar”. Falbhaidh sinn air a’ bhàta-aiseag a dh’Uibhist a Deas airson sgoil shamhraidh Ceòlas anns an t-Iuchar. Ruigidh am bàta Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath agus an uair sin dràibhidh sinn shìos a Dalabrog. Tha mi a’ coimhead air adhart ri seo – chan urrainn dhomh feitheamh!
Aig an deireadh sheachdain agus air mo shaor-làithean thèid mi còmhla ri mo mhàthair Yvonne agus m’ athair Bob gu àiteachan aosmhor mar cearcaill chloiche, caistealan, brochan ’s a bharrachd. Tha sin fìor inntinneach agus spòrsail cuideachd nam bheachd; bidh mi ag ionnsachadh mu eachdraidh na h-Alba a tha a’ còrdadh ruinn! Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil Alba an dùthaich as bòidhche san t-saoghal. Bidh mi a’ faireachdainn mar phàirt den seann-tìr nuair a tha mi a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig!
Luchd-ionnsachaidh
An Dàrna Duais
Cameron Williams
ÀS1
Àrd-sgoil Thobar Mhoire
Mise
Is mise Camshron Croitear. Tha mi trì-deug. Tha mi a’ fuireach faisg air Tobar Mhoire ann am Muile. Tha àite-campachaidh aig mo theaghlach. Tha e brèagha agus trang.
Tha mi beag agus caol. Tha falt donn orm agus tha sùilean uaine agam. Tha mi cabach fad na h-ùine.
Tha dà phiuthar agam, piuthar mhòr agus piuthar bheag. Is iadsan Carla agus Ròs. Tha Carla snog ach uaireannan tha i caran busach. Tha Ròs beag agus èibhinn.
Tha tòrr peataichean agam. Tha trì luchaig-fhàsaich, hamstair beag agus trì coin agam.
Gu mì-fhortanach chan eil caoraich agam fhathast, co-dhiù tha mi ag iarraidh caoraich Hebridean agus caoraich Herdwick.
Tha mi a’ dol gu Àrd-sgoil Thobar Mhoire. Nam bheachd-sa tha sgoil ceart gu leòr. ‘S e Gàidhlig an cuspair as fheàrr leam. ‘S e Miss Anderson an tidsear as fheàrr leam, agus nam bheachdsa ‘s e Mrs Hargreaves an neach-cuideachaidh as fheàrr oir tha iad iongantach. Air an làimh eile is lugha orm Fraingis.
Tha mòran cur-seachadan agam. Is toigh leam a’ dol a-mach air mo bhaidhsagal, a’ cluich ball-coise agus a’ dràibheadh mo chairt ghoilf. Is toigh leam baidhseagalachd le Tòmas agus Louis. Bidh sinn a’ baidhseagalachd gu an sabhal gloine. Mar sin leibh bho Camshron Croitear.
Luchd-ionnsachaidh
An Treas Duais
Joni Smith
ÀS1
Sgoil Lionacleit
Mise
Is mise Seonag Nic a’ Ghobhainn. Tha mi dà bhliadhna dheug a dh’aois. Tha mi a’ fuireach ann an Cairinis ann an Uibhist a Tuath. Is toigh leam Cairinis. Tha i uabhasach brèagha agus trang.
Is toigh leam Spòrs, Eaconamas Dachaigh agus Eachdraidh. Tha mi math air Spòrs, tha Eaconamas Dachaigh sgoinneil agus tha Eachdraidh gu math feumail. Cha toigh leam Teicniceachd, Gearmailtis agus Ceòl. Cha d’ fhiach Teicniceachd agus tha Gearmailtis agus Ceòl tioram.
Chan eil peata agam ach tha mi ag iarraidh cù. Tha bràthair agus piuthar agam. ’S e Danny an t-ainm a tha air mo bhràthair. ’S e Marissa an t-ainm a tha air mo phiuthar. Tha Danny gu math spòrsail agus tha Marissa leisg.
Is toigh leam lùth-chleasachd, na bùthan agus fuine. Tha lùth-chleasachd sgoinneil. Tha fuine feumail agus tha na bùthan gu math spòrsail.
’S e Johan an t-ainm a tha air mo mhàthair. ’S e Calum an t-ainm a th’ air m’ athair. Tha mo mhàthair snog agus trang. Tha m’ athair èibhinn agus mì-sgiobalta. Tha mo mhàthair ag obair aig an taigh. Tha m’ athair na mhinistear.
Is toigh leam teòclaid, currain agus cèic. Tha iad uabhasach blasta. Cha toigh leam càl, bainne agus ìm. Tha iad grod.
Fileantaich
A’ Chiad Duais
Eòin Cuimeanach
ÀS3
Àrd-sgoil Gheàrrloch
Saorsa neo Sàbhailteachd?
Tha sluagh an latha an-diugh glacte ann a bhith a’ cleachdadh teicneòlas: eadar fònaichean làimh agus compiutaran. Tha inbhich òga a’ cleachdadh fònaichean làimh còig uairean a thìde gach latha gu h-àbhaisteach agus tha eòlaichean ag ràdh gum bi neach-cleachdaidh fòn a’ bruthadh an sgrion mu 2600 turas gach latha. Tha seo na eisimpleir bheag gus a’ bhuaidh a tha aig teicneòlas air inntinnean dhaoine san latha an-diugh a chur an cèill. Tha fios agam air mòran dhaoine nach b’ urrainn a bhith beò as aonais fòn-làimh, agus chan eil mi eòlach air duine ciallach nach dèan obair agus rannsachadh air compiutair. Ach, chan ann mu theicneòlas fhèin a tha mi a’ dol a sgrìobhadh san aiste seo.
Chan urrainn dhuinn dol as àicheadh gu bheil ceannarcas air fàs gu h-eagalach sa bhliadhna mu dheireadh. Rinn Gabriel Weimann, an t-Ollamh Conaltraidh aig Oilthigh Haifa, rannsachadh a sheall gu bheil faisg air 90 sa cheud de phlanaichean ceannairc air an cruthachadh air na meadhanan sòisealta. Tha Facebook, Twitter agus Youtube air an cleachdadh airson teachdaireachdan a chur mun cuairt, fiosrachadh a chruinneachadh agus luchd-obrach fhastadh. B’ iad Al-Qaaeda a chleachd an t-eadar-lìon airson a’ chiad turas ach, anns na bliadhnaichean mu dheireadh, ’s e ISIS a tha air na meadhanan sòisealta a chleachdadh ann an dòigh airson ceannarcas an latha an-dè a thoirt dhan ath ìre. Thuirt Abu Abdullah al-Maghribi, neach a dh’ fhàg ISIS, “Tha luchd nam meadhanan nas cudromaiche na na saighdearan. Tha an cosnadh nas àirde na saighdearan. Tha cumhachd aca barrachd luchd-obrach a thoirt dhan Stàit loslamach.”
Nis, smaoinich air an riaghaltas shìos ann an Lunnainn. Tha iad air faicinn gu bheil saorsa aig ceannarcaich conaltradh ri chèile agus cothroman ann airson luchd-obrach fhastadh. Deagh bheachd, nach canadh tu, sùil nas fhaisg a chumail air na tha daoine ris air an eadar-lìon?
Anns an Dùbhlachd 2016, dh’aontaich luchd-poilitigs san Rìoghachd Aonaichte Achd Cumhachdan Rannsachaidh a dhèanamh laghail. Chaidh an reachdas ainmeachadh mar an ath-leasachadh as motha ann am bliadhnachan faire na dùthcha. Tha an Achd seo airson an dùthaich a dhèanamh nas tèarainte agus barrachd os-shealladh a thoirt dhan riaghaltas. Thuirt Rùnaire na Dùthcha Amber Rudd “gu bheil an t-eadar-lìon air cothroman ùra a thoirt do luchd-ceannairc agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil na comasan againn gus aghaidh a chur ris na dùbhlain seo.” Ach dè na comasan a bheir an Achd ùr seo dhan riaghaltas? Uill, airson a’ chiad turas riamh ’s urrainn do sheirbheisean tèarainteachd clàr fhaighinn air dè tha sinn ris air coimpiutairean, lìn-obrach, fònaichean- làimh agus eile, a’ mùchadh ar saorsa.
Cha bhithinnse cofhurtail is fios agam gun robh daoine air nach robh mi eòlach a’ faicinn gach rud a dhèanainn. Leis a sin, tha iomadh duine a’ cur an aghaidh faire an riaghaltais. Thuirt an hacair Edward Snowden, “The UK has just legalised the most extreme surveillance in the history of western democracy. It goes further than many autocracies.” Tha an riaghaltas air cumail a-mach “gu bheil cuid de dhaoine air a ràdh nach bu chòir don riaghaltas steòrnadh nuair a thig e gu teicneòlas agus an eadar-lìon. Chan eil sinne ag aontachadh.” Tha iad an dùil cruth-atharrachadh a thoirt air Breatainn a thaobh fiosrachadh pearsanta agus an eadar-lìon. Tha iomadh adhbhar airson fearg a’ phobaill.
Sa chiad àite, ged a tha faire an riaghaltais air fàs tha sinn air faicinn gu bheil bagraidhean air an robh fios aca a’ faighinn tron t-siostam. Mar eisimpleir, bha fios aig an riaghaltas mu mhurtairean Lee Rigby, Michael Adebolajo agus Michael Adebowale, agus gum biodh e comasach dhaibh rudeigin uabhasach a dhèanamh. Leis a sin, dh’fhaodadh Rigby a bhith fhathast beò! Tha seo ag innse dhuinn ged a tha fios aig an riaghaltas air trioblaidean, chan eil dòigh aca air an stad. Tha seo a’ sealltainn ge-tà nach bu chòir coire a chur air an t-siostam faire ach air an t-siostam dìon.
San dàrna àite, tha daoine den bheachd gum bi an riaghaltas a’ cleachdadh an siostam faire airson daoine àbhaisteach a sgrùdadh. Mar eisimpleir air seo, bho chionn ghoirid chaidh coimpiutair an neach-aithris Secunder Kermani a thoirt bhuaithe air sgàth gun robh an riaghaltas den bheachd gun robh e a’ conaltradh ri fear as an Stait Islamach ann an Siria. Tha seo cho cearr leis gur e neach-aithris a th ‘ann an Kermani a tha cuideachd air rannsachadh a dhèanamh air na Jihadi.
Bidh na sgeulachdan seo a’ cur an eagal air iomadh duine àbhaisteach. Gach turas a thèid iad air coimpiutar, an teilibhisean neo fiù ’s am fòn-làimh tha fios aca gum faodadh an riaghaltas a bhith gan sgrùdadh. Gach rud a nì iad, bidh fios aca gu bheil Big Brother gan coimhead. Ach feumaidh sinn cuimhneachadh nach bi dragh a’ choin aig an riaghaltais mu ar beatha prìobhaideach – chan eil sinn cho cudromach sin!
Leis an riaghaltas a’ foillseachadh lagh às dèidh lagh, tha e furasta faicinn gum faodadh Breatainn a bhith na dheachdaireachd an ceann beagan bhliadhnaichean. Tha daoine air a bhith a’ gearran gu bheil an riaghaltas air a dhol an aghaidh Còraichean Dhaoine agus gu h-àraid Artaigil a h-Ochd a tha a’ toirt seachad òrdugh gum bu chòir spèis a bhith aig daoine airson beatha phrìobhaideach dhaoine eile. Ach tha an gearran seo ceàrr. Roghnaich cùirt-ceartais nach eil faire riaghaltais a’ briseadh Chòraichean Dhaoine, a-rèir a’ Ghuardian.
Feumaidh sinn cuimhneachadh air na tachartasan uabhasach a ghabh àite ann am Manchester, Paris agus Lunnainn agus chì sinn carson a tha faire deatamach airson ar dùthaich a chumail sàbhailte. Thuirt am BBC gun deach 13 ionnsaighean a dh’fhaodadh a bhith ann a stad ann an ceithir bliadhna. Nach eil seo a’ sealltainn am feum a tha faire air a dhèanamh?
Airson mo phuing a dhèanamh nas soilleire agus ann an co-dhùnadh, cleachdaidh mi metafor. Smaoinich air iasgair a-mach air bàta tràlair a’ siubhal èisg. Thèid na h-èisg bheaga tron lìon ach thèid na h-èisg mhòra a ghlacadh. Seo mar a tha an siostam faire againn ag obair. Thèid na h-èisg bheaga (daoine neo-chiontach) tron lìon ach thèid na cunnartan as motha (na h-eucoraich) a ghlacadh.
’S e cnag na cùise gu bheil sàbhailteachd na dùthcha fada nas cudromaiche na ar saorsa fhìn. A bheil e comasach fìor shaorsa a bhith air a thoirt dhuinn, gun beagan saorsa a bhith air a thoirt air falbh? Chòrdadh e co-dhiù riumsa na b’ fheàrr a bhith beò is faire ga dhèanamh – seach a bhith marbh is saorsa bho faire a bhith agam.
Fileantaich
An Dàrna Duais
Iona Davidson
ÀS2
Àrd-sgoil MhicNeacail
Saorsa
Tha mo chridhe glainne airson faighinn air falbh bhon t-saoghal. Barrachd agus barrachd leis a h-uile gàire chrosta, mhì-chinnteach. Na gàirean aig a’ chloinn eile, na gàirean a losgas mo chraiceann gun rabhadh. Seasaidh mi an sin nam aonar, mo cheann trom mar chlachan. Chan eil e idir a’ cur iongnadh orm gur e mise a thagh iad. Mise a tha iad a-mach airson faighinn. Tha mi ‘eadar-dhealaichte’ ruibhsan, le mo chasan bheaga ghoirid, ’s na dathan dallach nam aodach. Tha iadsan air an sgeadachadh dorcha, mar còrnairean bhiorach mo smuaintean. Chan eil duine idir agam, chan eil creutair beò ann airson mo chuideachadh leis na h-uilebhèistean de dhaoine nam sgoile.
Smaoinich, cò ris a’ bhiodh e coltach? Buidheann mhòra de charaidean, a’ gàireachdainn is a’ bigealais fad an latha gu sunndach. Is fiù ’s an dèidh sin, a’ dol a-mach do phartaidhean ghleansach còmhla ris a h-uile duine eile, gun a bhith a’ faireachdainn iomagain nam chorp. Smaoinich air an saorsa bhon t-saoghal anns a bheil mi, smaoinich air ceann cho aotrom, subhach. Ach nuair a sheasas mi air mo chorra-biod san sgàthan, tuileanachaidh a h-uile dad air ais, a’ toirt orm reòthadh nam inntinn.
An t-saoghal cho trom orm, mar ailbhean a’ leum air cuileag, na mo chur sìos bhon a h-uile taobh. Daoine a’ spleuchdadh orm, mar dorchadas a bìdeadh air mo shlàinte gu slaodach. A’ fuireach nam aonar do Dhia, ged nach eil mi idir cinnteach gun urrainn fiù ’s esan mo chuideachadh. Mise an seo, gun cridhe, gun smuain, ach m’ èiginn.
A’ coiseachd gu spàgach dhan sgoil, aonranach. Smaoinichidh mi air na rudan a b’ fhèarr leam dèanamh. Chì mi an uair sin an rathad, an tè a chì mi a h-uile latha air an t-slighe, air a sgeadachadh gu spaideil le duilleagan losgaichte orains an fhoghair. Shreap mi a-mach oirre, ach bha fuaim trùman a’ tighinn air mo chùlaibh, càr, agus mo shaoghal a-nis a’ dol geal. A-steach nam chorp. Fuaim bliobadach nam poileas. Bha iad ro fhadalach mo shàbhaladh, oir shàbhail Dia mi an toiseach. Sin an saorsa a bha mi a’ feumachadh. Saoghal dubh is geal. Saoghal làn saorsa.
Fileantaich
An Treas Duais
Niamh Craig
ÀS2
Academy na Grainnse
Saorsa ann an 1945
Anns an Ruis ann an 1940 bha am blàr dìreach air tòiseachadh. Chunnaic mi rudan nach urrainn dhomh dìochuimhneachadh. Bha mi deich aig an àm. Cha robh fios agam dè bha a’ dol a thachairt, dha mo phàrantan, dhomh fhèin no dhan a h-uile duine a bha faisg orm.
Anns a’ Mhàrt, 1940, thàinig saighdearan dhan taigh againn. Bha dà rud air an robh mi cinnteach. Mhurt iad mo mhàthair agus ’s e saighdearan Nazitheach a bh’ annta. Bha tubaist aig mo mhàthair nuair a bha mi dhà no trì agus bha i ann an cathair-chuibhle. Thuirt na saighdearan: “Seas!” ach cha b’ urrainn dhi. Thug e aon pheilear dhan ceann airson duine a mharbhadh, ach leòn e tòrr dhaoine eile.
An ath latha dhùisg mi ann an àite a bha a’ coimhead mar phrìosan. Bha aodan striopach air a h-uile duine, gorm agus geal. Choinnich mi ri duine às a’ Phòlainn. A’ chiad rud a thuirt e rium: “Feumaidh tu a h-uile rud a dhèanamh. A h-uile rud a tha iad ag ràdh.” Rinn mi gàire. Bha mise a’ smaointinn gur b’ e fealla-dhà a bh’ ann ach cha robh mi idir air a bhith cho ceàrr.
An ath rud a thachair às dèidh sin, thàinig m’ athair a-null agus thuirt e “Bidh thu ceart gu leòr. Tha e dìreach sealach gus am bi a’ bhlàr seachad. Am bi thu ceart gu leòr an seo? Tha feum agam air fras.” Agus b’ e sin an rud mu dheireadh a chuala mi bho m’athair.
A h-uile diog, a h-uile mionaid, a h-uile uair a bhios a’ dol seachad tha mo phàrantan nam inntinn. Tha a h-uile latha a tha a’ dol seachad mar bhliadhna. Cha robh fios agam dè bha a’ dol a thachairt às dèidh sin. Bha tòrr rudan nam inntinn leithid; dè tha a’ dol a thachairt agus am fàs rudan nas duilghe?
A h-uile latha a bha a’ dol seachad, bha na h-àireamhan de dhaoine a’ faighinn nas lugha. Mise, an duine eagnaidh a th’ annam, roghnaich mi fiosrachadh fhaighinn. Nuair a lorg mi dè bha a’ tachairt cha robh e fada gus an robh mo chridhe a’ dol a stad ach thàinig aon de na saighdearan a-null agus thuirt e rium: “Dè tha thu a’ dèanamh an seo? Chan urrainn dhut! Ma thachras seo aon turas eile, bidh thu ga fhaighinn a bhalaich! Amadan Iùdhach!
Chuir an rud a chunnaic mi an latha sin an t-eagal orm ach chaidh mi air ais. A h-uile latha bha na Ruiseanaich a’ sabaid agus bhuannaich iad. Fhuair sinne saorsa ann an 1945 ach cha b’ urrainn dhomh cumail beò fada gu leòr airson sin fhaicinn. An rud a chunnaic mi, b’ e daoine a’ dol dhan fùirneis agus chaidh iad an losgadh gu bàs. B’ e sin an rud mu dheireadh a chunnaic mi. Co-dhiù, bidh mi le mo phàrantan a-nis agus chan fheum sinn fuireach anns an t-saoghal olc a tha seo. Bidh mi ceart gu leòr a-nis. Bidh mi sàbhailte a-nis. Bidh mi le mo phàrantan.