Club Irise SMO

Bidh a’ chiad choinneamh Club Irise SMO air rannsachadh air foghlam a’ gabhail àite air Zoom, Diciadain, 3 an Gearran, 4-5f, agus tha fàilte romhaibh uile. Tuilleadh fiosrachaidh an seo air Facebook.

Ann an coinneamhan a’ chlub seo, bidh sinn a’ deasbad diofar phàipearan rannsachaidh air foghlam cànain. Tha ar coinneamhan fosgailte do dhaoine sam bith le ùidh ann am foghlam Gàidhlig aig ìre sam bith: ro-sgoile, bun-sgoile, àrd-sgoile, no oilthighe. Gach coinneamh, bidh òraidiche aig SMO a’ libhrigeadh taisbeanadh goirid (mu 20 mionaid) air pàipear inntinneach anns an litreachas rannsachaidh air foghlam cànain, agus an uair sin, thèid an rannsachadh sin a dheasbad.

ʼS e cuspairean a’ chlub am bliadhna: aire air cruth (focus on form), ais-mholadh ceartachaidh (corrective feedback), agus oideachadh cànain follaiseach (explicit language instruction) ann an co-theagsa foghlaim bhogaidh.

Na coinneamhan:

Tim Armstrong, Diciadain, 3 an Gearran, 4-5f

Ní Dhiorbháin, Aisling & Pádraig Ó Duibhir. 2017. “An explicit-inductive approach to grammar in Irish-medium immersion schools.” Language Awareness 26(1): 3-24.

Gwen Culbertson, Diciadain, 3 am Màrt, 4-5f

Zhou, Wenying, and Guofang Li. 2017. “The Effects of Shared Singing Picture Book Instruction on Chinese Immersion Kindergarteners’ Spoken Vocabulary Recall and Retention.” Frontiers of Education in China 12(1): 29-51

Roddy Neithercut, Diciadain, 31 am Màrt, 4-5f

Gallegos, Areles. 2017. Using Explicit Instruction of Spanish Past-Tense Verb Conjugations in a Spanish Immersion Classroom. Tràchdas Maighstireachd, California State University, Sacramento.

Shona NicCarmaig, Diciadain, 5 an Cèitean, 4-5f

Monson, Katie. 2019. Teaching Grammar Through Music. Tràchdas Maighsireachd, Hamline University.

Anna Thirkell, Diciadain, 2 an t-Ògmhios, 4-5f

Lyster, Roy 2018. Content-based language teaching. New York: Routledge.

Thèid na coinneamhan a chumail anns a’ Ghàidhlig, air Zoom.

Tuilleadh fiosrachaidh an seo air Facebook.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s

%d bloggers like this: