Naidheachdan bho ChLAS 10/2016
Naidheachdan bho Chomann Luchd-Teagaisg Luchd-Teagais
Aithisg Bhliadhnail a’ Chathraiche 2016
Feasgar math dhuibh uile agus fàilte gu Coinneamh Bhliadhnail Chomann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean. Tha sinn air leth toilichte a bhith aig an Alltan a-rithist airson coinneachadh agus bu chaomh leam taing a thoirt gu Stòrlann airson an cuid fialaidheachd ann a bhith a’ cur rum air doigh dhuinn.
Tha sinn air a bhith an sàs gu soirbheachail ann an iomadh rud a-rithist am bliadhna. Tha an co-fharpais sgriobhaidh againn a’ dol bho neart gu neart le meudachadh anns an àireamh de sgoilearan a tha a’ gabhail pàirt.
Tha tidsearan air a bhith an sàs anns an sgeama treòrachaidh againn a-rithist am bliadhna, agus tha sinn air beachdan thidsearan a thogail gu làidir agus gu tric.
Chosg sinn latha as t-samhradh a’ cruthachadh fiolm gus CLAS a shanasachadh. Aig an aon àm fhuair sinn fhìn beagan a bharrachd eòlas air fiolmadh agus tha sinn an dòchas taic a thoirt do thidsearan no do sgoiltean eile, ann a bhith a’ dèanamh filmichean iad fhèin a bhiodh nan goireasan do thidsearan.
Bha CLAS air an riochdachadh aig coinneamh airson an e-sgoil ùr a tha gus fosgladh agus tha seo mar chomharra air cho taiceil sa tha CLAS a thaobh beachdan thidsearan.
Bu chaomh leam togail a-nochd air cho taiceil sa tha muinntir a’ chomataidh air a bhith tron bhliadhna mu dheireadh agus dha rìreabh tro iomadach bliadhna a chaidh seachad. Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil CLAS air a ruith le tidsearan, airson tidsearan gus ar guthan a dhèanamh nas eifeachdaich. As aonais tidsearan a tha deònach pàirt a ghabhail, bhiodh an obair fada nas duilghe. Tha dithis on chomataidh ris a bheil mi airson taing sònraichte a thoirt seachad a-nochd air sgàths gu bheil iad a’ tighinn bhon a’ chomataidh am bliadhna. Tha Dòmhnall MacLeòid air a bhith ag obair leinn airson 4 bliadhna agus tha e air a bhith air leth taiceil anns an ùine sin le bheachdan, le ghliocais agus leis an eòlas teicneòlach aige. Ghabh e thairis am blog againn agus tha sin a-nis aig ìre far a bheil e na ghoireas agus na mheadhan buileach taiceil dhuinn. A-thuilleadh air Dòmhnall, tha mi airson taing sònraichte a thoirt do Steven Greumach a tha air a bhith na Ionmhasair air a’ chomataidh airson iomadh bliadhna thrang. Chan e Gàidhlig a bha Steven a’ teagasg aig a’ cheann thall ach Maths, ach bha obair a’ chomataidh air còrdadh ris a leithid ‘s gun do lean e air adhart leinn, gar cumail ceart agus a’ cumail suil air na sgillinnean fad bhliadhnaichean. ‘S e Steven a chur am blog againn air bhog anns a’ chiad àite mus do ghabh Dòmhnall ris. Tha iomadh sgil agus tàlant aig Steven a bhios sinn ag ionndrainn gu mòr nuair a dh’fhàgas e. Mar sin, tha mi airson taing oifigeil a thoirt dha Steven agus do Dhomhnaill a-nochd airson an obair a rinn iad còmhla rinn agus bidh sinn a’ guidhe a h-uile soirbheas dhan dithis aca anns na bliadhnaichean fada a tha romhpa.
Tha sin a’ fagail bearn no dhà air a’ chomataidh airson tidsearan ùra a thighinn nar cuideachd às a seo a-mach. Ged a tha beagan obair ann do dhaoine a bhios a’ gabhail pairt ann an comataidh, chan eil an obair gun tlachd agus gu dearbha fhèin tha e uabhasach tlachdmhor a’ cur barrachd eòlas air na tidsearan a bhios a’ frithealadh na coinneamhan. Mura biodh sin, cha bhithinn fhìn air leantainn ris cho fada! Tha mi mothachail gu-ta gu bheil beatha-sgoile aig tidsearan a’ fàs nas trainge gach latha agus tha e doirbh do chuid
faighinn às an sgoil gus tachartas mar an t-Alltan a fhrithealadh. Mar sin bu choir dhuinn ‘s dòcha barrachd oidhirp a dhèanamh ann a bhith a’ toirt cuireadh do thidsearan tighinn air a’ chomataidh on seo a-mach. Tha fios againn gun còrdadh e gu mòr ri tidsearan agus gum faigheadh iad a cheart uidhir à CLAS sa bhiodh iad a’ cur ris. ‘S e cothrom agus tlachd a th’ann a bhith mar phàirt de ChLAS agus tha mise glè thoilichte gu bheil mi mar phàirt dheth.
Mòran taing airson a bhith an seo còmhla rinn a-nochd.
Catriona Nic a’ Phì
Cathraiche, Comann Luchd-Teagaisg Àrd-sgoiltean.
Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ foillseachadh Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus a’ leudachadh air na cumhachan Gàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016. Fiosrachadh am fad an-seo:
**Tha an co-chomhairleachadh a’ dùnadh a-maireach (1 Samhain 2016)**
Goireasan airson Compiutaireachd
Tha goireasan ann an Gàidhlig airson compiutaireachd aig ìre bun-sgoil air làrach CAS Barefoot: http://barefootcas.org.uk/my-curriculum-scotland/
Fiosrachadh bho Foghlam Alba mu mheasadh ann an Gàidhlig
https://blogs.glowscotland.org.uk/glowblogs/eslb/2016/09/11/assessing-progress-and-achievement/
Teisteanas Ceannardais Gàidhlig
http://www.socialenterprise.academy/scot/whats-on/gaelic-medium-leadership-award-142
Coinneamh Bhliadhnail CLAS 2016
A Chàirdean choir,
Coinneamh Bhliadhnail CLAS 2016
Tha mi sgrìobhadh a leigeil fios dhuibh gun tèid Coinneamh Bhliadhnail CLAS a chumail aig An Alltan air Dimàirt 27 An t-Sultain aig 7.30 feasgar.
Tron bhliadhna a chaidh seachad, tha CLAS air a bhith ag obair gu dìcheallach às leth tidsearan Gàidhlig nan àrd-sgoiltean ann an iomadh raon den obair làitheil aca agus a thaobh deuchainnean agus cùrsaichean ùra. Tha a’ bhuidheann gu mòr an comain gach ball a tha air taic a thoirt ann an iomadh dòigh airson amasan na buidhne a thoirt gu buil. Gun taic na ballrachd, cha bhi e comasach an obair dheatamach a tha ri dhèanamh a choileanadh.
Mar sin, thathas a’ cur cuireadh thugaibh a thighinn chun na coinneimh seo airson cluinntinn mun obair anns a bheil sinn air a bhith an sàs agus bhur beachdan fhaighinn airson na thèid a dhèanamh an ath bhliadhna. A bharrachd air a seo, ‘s e cothrom math CPD a th’anns a’ choinneimh seo agus anns an t-seadh sin cuideachd tha còir bhur làthaireachd a bhith na bhuannachd dhuibh gu proifeiseanta.
A thaobh nan tidsearan ùra a thòisich am bliadhnasa, tha ballrachd an asgaidh ann dhuibhse ann an CLAS airson na bliadhna seo. Bhiodh e air leth math ur faicinn ann agus eòlas a chur oirbh. Bidh fàilte chridheil romhaibh!
Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri taic nan uile fhaighinn air an fheasgar.
Leis gach deagh dhùrachd
Alison Cheanadach
Rùnaire CLAS
Aithisg Bhliadhnail 2015
Gheibh buill ChLAS air aithisg bhliadhnail a’ chathraiche a leughadh an-seo: Mionaidean.
Facal-faire
Tha facal-faire aig gach ball. Ma dh’fheumas sibh facal-faire as ùr, cuir fios thugainn.
Coinneamh Bhliadhnail CLAS
An t-Sultain 2015
A Chàirdean choir,
Coinneamh Bhliadhnail CLAS
Tha mi sgrìobhadh a leigeil fhaicinn dhuibh gun tèid Coinneamh Bhliadhnail CLAS a chumail aig An Alltan air Dimàirt 29 An t-Sultain aig 7.30 feasgar.
Anns a’ bhliadhna chaidh seachad tha CLAS a-rithist air a bhith ag obair gu dìcheallach às leth tidsearan Gàidhlig nan àrd-sgoiltean ann an iomadh raon den obair làitheil aca agus a thaobh deuchainnean agus cùrsaichean ùra. Gu ruige seo tha iad gu mòr an comain gach ball a tha air taic a thoirt ann an iomadh dòigh airson amasan na buidhne a thoirt gu buil. Gun taic na ballrachd, cha bhi e comasach an obair dheatamach a tha ri dhèanamh a choileanadh.
Mar sin, thathas a’ cur impidh oirbh a thighinn chun na coinneimh seo airson cluinntinn mun obair anns a bheil sinn air a bhith an sàs, bhur taic a nochdadh agus bhur beachdan a thoirt a thaobh na bliadhna a th’ air thoiseach. Mar a bhios fios agaibh, ’s e gnothaich CPD a th’anns a’ choinneimh seo agus anns an t-seadh sin cuideachd tha còir bhur làthaireachd a bhith na bhuannachd dhuibh gu proifeiseanta.
A thaobh nan tidsearan ùra a thòisich anns an Lùnastal, cuimhnichibh gu bheil ballrachd an asgaidh agaibhse ann an CLAS airson na bliadhna seo. Bhiodh e air leth math ur faicinn ann agus eòlas a chur oirbh. Bidh fàilte romhaibh!
Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri taic nan uile fhaighinn air an fheasgar.
Leis gach deagh dhùrachd
Alison Cheanadach
Rùnaire CLAS
Tha pàipearan airson a’ choinneimh Bhliadhnail an-seo:
Aithisg Bhliadhnail (Cathraiche) 2014
Feasgar math dhuibh uile gu Coinneamh Bhliadhnail Chomann Luchd-teagaisg Àrd Sgoiltean.
Tha mi toilichte a leithid fhaicinn an làthair a-nochd agus tha fhios am gur ann air sgàths gu bheil sinn an-seo aig an Alltan gu bheil barrachd ann am bliadhna. Tha mi airson taing a thoirt do Stòrlann sa chiad dol a-mach airson leigeil leinn ar Coinneamh Bhliadhnail a chumail an seo san Aghaidh Mhòir. Chan e sin a-mhàin, tha iad a’ toirt an cothrom dhuinn thairis air an ath latha no dhà, deich bliadhna de ChLAS a chomharrachadh an seo cuideachd. Tha seo a’ toirt an cothrom do bharrachd buill a bhith an-sàs anns a’ cheann-bliadhna sonraichte seo. Tha e cuideachd a’ sàbhaladh airgead dhuinn…rud a tha gu math cudromach san latha a th’ ann. Mar sin bu chaomh leam taing mhòr a-rithist a thoirt do Stòrlann airson an cothrom agus an cuid fialaidheachd.
‘S e bliadhna eile trang a tha air a bhith aig CLAS, far an robh sinn a’ riochdachadh tidsearan na dùthcha ann an gnothaichean cò-cheangailte ris na deuchainnean ùra, a’ cur air dòigh ar cò-fharpais sgrìobhaidh, a’ sgaoileadh fiosrachadh cudromach tron Bhlog againn, an sàs ann an còmhraidhean le diofar bhuidhnean, a’ cruthachadh goireasan agus gan sgaoileadh tron Bhlog, agus a’ neartachadh an sgeama treòrachaidh againn. Tha seo uile mar dhearbhadh air an cò-obrachadh a tha sinn a’ dèanamh agus tha làn dhùil againn leantainn oirnn leis an obair seo cho fad sa tha e comasach dhuinn.
Ged a tha obair mhòr ann dhuinn aig amannan, tha sinn a’ faighinn tlachd ann a bhith a’ coinneachadh agus a’ dèanamh rudan a tha feumail dhan dreuchd agus dhan na sgoilearan a tha ag ionnsachadh Gàidhlig, no a tha ag ionnsachadh tron Ghàidhlig. Tha e cuideachd math dhan adhartas proifeisanta againn uile gu pearsanta a bhith a’ cò-obrachadh chun an ìre sa tha sinn. Tha beàrn no dhà gu bhith anns a chomataidh am bliadhna agus nam biodh duine den bheachd gun còrdadh e riutha bhith an-sàs ann an comataidh ChLAS, gheibh sibh an cothrom mus bi an oidhche seachad! Tha e air leth cudromach do bhuidheann mar CLAS gu bheil sinn a’ riochdachadh na s’ urrainn dhuinn de thidsearan, mar sin, mura h-eil sibh nur buill an-drasta, feuch an gabh sibh ballrachd a-mach a-nochd fhèin no anns na beagan làithean a tha romhainn. Mar as motha a tha sinn a’ riochdachadh, ‘s ann as làidire ar guth.
Chan urrainn dhomh bruidhinn am-bliadhna, gun a bhith a’ togail air daoine sònraichte a tha air a bhith taiceil dha rìreabh anns an obair aig CLAS. Chan e a-mhàin na buill air fad, a h-uile duine anns a’ chomataidh, agus muinntir Bòrd na Gàidhlig a tha a’ toirt maoineachadh dhuinn gach bliadhna, ach gu h-àraidh a-nochd, Mairead NicÌomhair a bha bunaiteach ann a bhith a’ cur CLAS air bhonn sa chiad àite agus a dh’fhuirich air a’ chomataidh mar bhall cò-thaghte fad deich bliadhna slàn a’ toirt taic dhuinn. Tha i air a bhith os cionn luach. Tha i a’ dol gar fàgail am bliadhna-sa agus tha sinn a’ guidhe slàinte, gach sonas, agus soirbheachas dhi. Tha i gar fàgail ann an suidheachadh far a bheil sinn an dòchas gun tèid sinn bho neart gu neart. Bha cuideachd Uilleam Dòmhnallach againn mar bhall cò-thaghte faisg air deich bliadhna cuideachd agus ged a dh’fhàg esan tron bhliadhna, cha d’fhuair sinn an cothrom taing cheart a thoirt dha airson an sàr obair agus taic a thug
esan cuideachd dhuinn. Tha sinn buileach mothachail air an ùine a thug daoine mar Uilleam agus Mairead dhuinn airson gun tig piseach air Foghlam Gàidhlig san fharsainneachd anns na h-àrd sgoiltean. Tapa leibh gu dearbha.
Tha e a’ toirt togail dhuinn cuideachd am bliadhna, gu bheil daoine eile nar cuideachd a rinn an t-uamhas do ChLAS. Mura h-eil iad ann a-nochd, tha iad gu bhith ann a-màireach. Tha mi a’ bruidhinn air Cairistìona Walker a bha aig an stiùir anns a’ chiad bhliadhna de ChLAS, mus deach ar stèidheachadh gu foirmeil ann an 2004. Rinn Christina obair ionmholta dhuinn aig an àm sin. Cuideachd Joan Esson a bha na chiad Cathraiche oifigeil aig CLAS, agus a tha fhathast air-leth taiceil dhuinn tro h-obair ann am Foghlam Alba. Raonaid Nic a’Phearsain a bha anns a’ chathair as deidh Joan – tha Raonaid a-nis trang a’ toirt taic do thidsearan ùra ann an Oilthigh Shrath Chluaidh, agus Fionnlagh Coineagan a ghabh an stiùir bho Raonaid. Gu mì-fhortanach, cha bhith Fionnlagh comhla rinn an-dràsta bhon tha e fhèin air fhàgail aig an stiùir anns an sgoil aige. Bu chaomh leam taing mhòr, mhòr a thoirt dhan h-uile neach sin airson am pàirt cudromach a chluich iad (agus gu bheil iad fhathast a’ cluich!) ann am beatha CLAS.
Tha mi an dòchas gun cord na làithean aig an àlltan ribh am biadhna, gun ionnsaich sibh sgilean ùra, gun coinnich sibh ri caraidean sean agus ùr…agus gun tig sibh an sàs ann an obair Chomann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean.
Mòran taing dhuibh uile airson a bhith an seo còmhla rinn a-nochd.
Coinneamh Bhliadhnail 2014
A’ CHOINNEAMH BHLIADHNAIL
Dimàirt 30 An t-Sultain 2014, 8-9f
An t-Alltan, An Aghaidh Mhòir
A’ Choinneamh Bhliadhnail
A’ Choinneamh Bhliadhnail
Dihaoine 2 Samhain 2012, 8f, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
An Lathair: Mairead NicIomhair (MNI), Fiona NicAonghais (FNA), Steven Greumach SG), Fionnlagh Coineagan (FC), Catriona Nic a’ Phì (CNP), Catriona Chaimbeul (CC), Dànaidh Clelland (DC), Morna Nic A’ Bhuidseir (MNB).
1. Fàilte
Chuir an cathraiche fàilte air a h-uile duine
2. Leisgeulan
Fionnlagh MacSuain, Dòmhnall MacLeòid, Catriona NicIain, Joan Esson, Yvonne Gunn, Kirsten NicDhòmhnaill, Alison Cheanadach, MaryEllen Stiùbhart, Anndra Dòmhnallach is Màiri MacKay.
3. Mionaidean na Coinneimh Bhliadhnail 2011
Gam moladh – CNP
A’ toirt Taic – CC
4. Gnothaichean ag èirigh às a’ mhionaid
Chaidh cunntas a thoirt seachad le MNB mu shuidheachadh Chnoc Iordain agus an àireamh bheag de thidsearan a tha a’ dol tro thrèanadh. Chaidh a’ chùis a thogail a-rithist a thaobh poileasaidh an Oilthigh far nach fhaighear trèanadh ann an dà chuspair-sgoile ach anns an aon fhacultaidh foghlaim. Chaidh aontachadh gun cumar a’ dol ag aslachadh an Oilthigh airson an suidheachadh aige ath-bhreithneachadh.
Thuirt MNB gun toireadh i dhuinn an àireamh de dhaoine a tha a trèanadh am-bliadhna.
5. Aithisg na Bliadhna – An Cathraiche
Chaidh deagh cheangal a chumail le Bòrd na Gàidhlig agus tha CLAS taingeil airson an taic-airgid a gheibhear bhuaidh gach bliadhna.
Tha ceangal cudromach a stèidheachadh leis an SQA agus tha CLAS a-nis air a dheagh-riochdachadh aig coinneamhan planaidh is dealbhaidh airson nan cùrsaichean ùra.
Cuiridh CLAS stuthan-taic chùrsaichean N4 is N5, a chaidh a chruthachadh aig bùthan-obrach mar phàirt de dh’iomairt aig Roinn na Gàidhealtachd, do neach sam bith a tha gan iarraidh.
Tha làn-dòchas ann gun dèanar ceangal le Bòrd na Gàidhlig gus an sgeama ‘mentoring’ a bha cho soirbheachail am-bliadhna a chumail a’ dol.
Thathas ag aithneachadh gur e ceum cudromach is taic mhòr a tha ann gun do gabh Stòrlann os làimh deasachadh nam pàipearan fo-dheuchainn.
Cuirear air bhog a-nochd am Blog ùr a chaidh a chruthachadh le SG. ‘S e goireas air leth feumail a tha gu bhith ann do thidsearan.
Tha taing ga toirt do MES airson na rinn i mar rùnaire agus ise a-nis a’ fàgail na comataidh.
6. Cunntasan na Bliadhna – An t-Ionmhasair
Chaidh an geàrr-iomradh air teachd a-steach agus cosgaisean an sgaoileadh. Chaidh gabhail riutha.
Dh’ innis SG gun deach a’ chuid as motha den airgead a chosg air cosgaisean siubhail agus tha an t-suim seo air dhol an àirde bho bhliadhna an-uiridh.
Chan fhacas àrdachadh anns an uiread de dh’airgead a fhuaras bho bhallrachd.
Às dèidh gabhail ris na tha ri phàigheadh fhathast tha faisg air £3000 air fhàgail.
7. Taghadh Comataidh
Chaidh MNI dhan chathair airson a’ chomataidh a thaghadh.
Chaidh buill na comataidh aontachadh mar na leanas:
Cathraiche – CNP; Moladh CC, Taic FC
Iar-chathraiche – CC;
Ionmhasair – SG; Moladh FC, Taic FNA
Rùnaire – bàn
Rùnaire mionaidean – Alison Cheanadach
Ball co-thaghte: MNI
8. Neach-Sgrùdaidh Neo-Eisimeilich
Chaidh aontachadh gun cumar Graham Scott, Inbhir Nis
9. G.I.S.B.E
Chaidh a shealltainn do na bha an làthair am Blog Ùr a dhealbhaich SG. Bha na h-uile a dh’aona-ghuthach am beachd gur e goireas tarraingeach air leth feumail a bhiodh ann. Chaidh taing a thoirt do SG airson a chuid obrach chruaidh.
Aithisg Bhliadhnail na Cathraiche – C Nic a’ Phì
Aithisg Bhliadhnail na Cathraiche – C Nic a’ Phì
Feasgar math dhuibh uile agus mòran taing airson tighinn a-nochd dhan Choinneamh Bhliadhnail aig CLAS. Tha sinn air leth toilichte ur faicinn an seo.
Bu chaomh leam an-toiseach ìnnse dhuibh gu bheil sinn air a bhith glè thrang am-bliadhna le iomadach rud.
Tha ceangalaichean làidir air a bhith againn le Bòrd na Gàidhlig agus iad air a bhith glè dheònach coinneachadh rinn aig àm sam bith. Tha e cudromach an ceangal seo a bhith againn leotha agus tha sinn cuideachd glè thaingeil airson an taic airgead a tha iad a’ toirt dhuinn.
Tha sinn cuideachd air a bhith a’ ceangal leis an SQA gu mòr anns a bhliadhna chaidh seachad. ‘S e bliadhna gle chudromach a tha air a bhith ann do àrd-sgoiltean leis na deuchainnean ùra a’ nochdadh, agus na molaidhean is stiùiridhean a thig nan cois. Tha CLAS air a bhith a’ sireadh bheachdan thidsearan air na deuchainnean ùra agus tha sinn air iad seo a mholadh dhan SQA. Mar thoradh air sin, tha CLAS a-nis air a riochdachadh aig na coinneamhan planaidh aca.
Ceangailte ris na deuchainnean ùra, Chuir Roinn na Gaidhealtachd buidheann-obrach air dòigh airson taic a thoirt do thidsearan ann a bhith a’ lìbhrigeadh N4 agus N5. Dh’fhosgail CLAS seo do thidsearan eile air feadh na dùthcha gus am biodh e na bhuannachd dhuinn uile. Tha na stuthan a chaidh an cruthachadh a-nis deiseil agus sgaoilidh sinn do bhall sam bith de CHLAS iad ma tha iad gan iarraidh.
An deidh an latha-treanaidh a bh’againn an uiridh do Phrobationers, bha ‘mentors’ aig gach tidsear ùr de Ghàidhlig am bliadhna, ma bha sin a dhìth orra. A-rithist ‘se adhartas dha rìreabh a bha seo. Tha sinn an dòchas ceangal le Bòrd na Gàidhlig airson am mentoring seo a chumail a’ dol.
Tha a h-uile fo-dheuchainn a-nis air an dèanamh aig Stòrlann agus tha sin na thaic mhòr, mhòr dhuinn uile mar thidsearan. Bha sinn bliadhnaichean ag obair air seo a thoirt gu buil agus tha sinn air leth toilichte gu bheil sinn aig an ìre seo mu dheireadh thall. Tha sinn cuideachd glè thaingeil do Stòrlann airson an obair mhòr seo a ghabhail os laimh.
‘S e an ceum as ùire a tha sinn air gabhail am-bliadhna, agus tha taing againn ri thoirt do Steven (ar Ionmhasair Ionmholta) airson seo, gu bheil BLOG a-nis aig CLAS. Tha sinn a’ cur seo air bhog a-nochd agus tha sinn an dòchas gum bi e air leth feumail airson tidsearan, fad is farsainn, ann a bhith a’ cumail fiosrachadh is beachdan aig a chèile. Feuch an coimhead sibh ris, stob as na favourites agaibh e…agus cleachd e!
Cha bhiodh ceum sam bith de na dh’ainmich mi, air tachairt mura biodh an taic a tha an comataidh a’ toirt dha chèile. Bu chaomh leam taing mhòr a thoirt dhaibh air fad airson seo. Tha sinn cuideachd glè thaingeil do Mhary Ellen Stìubhart airson an obair a rinn ise na Rùnaire oir gu bheil ise a’ fagail an comataidh am bliadhna agus tha sinn an dòchas gun soirbhich le ME ann a bhith a’ lìonadh am beàrn a dh’fhàgas CLAS na beatha!!
Chan eil ceist nach eil CLAS a’ gabhail beagan den ùine againn nuair a tha sinn mar phàirt den chomataidh ach air an làimh eile, tha sinn fhìn a’ faighinn tòrr às gu pearsanta agus tha e math a bhith a’ faighinn an cothrom bruidhinn ri ar cò-obraichean gu tric. Dh’iarrainn oirbh uile smaoineachadh mu phàirt a ghabhail ann nam biodh sibh den bheachd gun còrdadh e ribh. Ma tha duine agaibh a bu chaomh a bhith air a’ chomataidh, cuiribh fios thugainn oir gu bheil beàrn no dhà againn an-dràsta. Chan eil e gu diofar ma tha sibh air a bhith a’ teagasg airson bliadhna no fichead, bidh fàilte romhaibh!
Taing dhuibh uile airson èisteachd rium gu foighidneach. Mòran Taing.
A’ Choinneamh Bhliadhnail – Litir
A’ Choinneamh Bhliadhnail
Gu: Ballrachd CLAS Dàmhar 2012
A Chàirdean choir
A thuilleadh air an fhiosrachadh a chaidh thugaibh na bu tràithe air a’ mhìos, gheibhear a-nise an luib na litreach seo na paipearan foirmeil airson Coinneamh Bhliadhnail CLAS a thèid a chumail ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air Dihaoine 2 Samhain aig 8 uairean feasgar.
Anns a’ bhliadhna chaidh seachad tha CLAS air a bhith ag obair gu dìcheallach às leth tidsearan Gàidhlig nan àrd-sgoiltean dìreach mar a tha iad air a bhith thairis air an naoi bliadhna o chaidh an stèidheachadh . Anns an ùine sin tha gnè na h-obrach aca air atharrachadh a rèir feumlachdan luchd-teagaisg agus foghlam na Gàidhlig. Gu ruige seo tha iad gu mòr an comain gach ball a tha air taic a thoirt airson amasan na buidhne a thoirt gu buil. Gun taic na ballrachd, cha bhi e comasach an obair dheatamach a tha ri dhèanamh a choileanadh.
Mar sin, thathas a’ cur impidh oirbh sibh tighinn chun na coinneimh airson cluinntinn mun obair anns a bheil sinn air a bhith an sàs, bhur taic a nochdadh agus bhur beachdan a thoirt. Mar a tha fios agaibh ’s e gnothaich CPD a th’anns a’ choinneimh seo agus anns an t-seadh sin cuideachd tha còir bhur làthaireachd a bhith na bhuannachd dhuibh gu proifeiseanta.
A thaobh nan tidsearan ùra a thòisich anns an Lùnastal, cuimhnichibh gu bheil ballrachd an asgaidh agaibhse ann an CLAS airson na bliadhna seo. Bhiodh e air leth math ur faicinn ann agus eòlas a chur oirbh. Bidh fàilte romhaibh!
Seach gu bheil CLAS daonnan a’ coimhead airson innleachdan ùra a chuidicheas a’ bhallrachd, thèid goireas ùr a chur air bhog aig a’ Choinneimh Bhliadhnail a bhios sonraichte feumail do thidsearan Gàidhlig agus a dhaingnicheas na ceanglaichean eatarra. Bidh e math ur beachdan air a’ ghoireas seo fhaighinn air an oidhche gus an tèid an obair anns a bheil sinn uile an sàs, a neartachadh.
Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri taic nan uile fhaighinn air an fheasgar.
Leis gach deagh dhùrachd
Màiri Ellen Stìubhairt
Rùnaire CLAS
A’ Choinneamh Bhliadhnail – Clàr-chùisean
A’ Choinneamh Bhliadhnail
Dihaoine 2 Samhain 2012 aig 8 Feasgar
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
CLÀR CHÙISEAN
1. Fàilte
2. An Làthair agus Leisgeulan
3. Mionaidean Coinneamh Bhliadhnail 2011
4. Gnothaichean ag èirigh às a’ Mhionaid
5. Aithisg Na Bliadhna –An Cathraiche
6. Cunntasan na Bliadhna –An t-Ionmhaisear
7. Taghadh Comataidh
8. Taghadh Neach-Sgrùdaidh Neo-Eisimeileach
9. Gnothaich Iomchaidh Sam Bith Eile