Category Archives: Mionaidean

Aithisg Bhliadhnail 2015

Gheibh buill ChLAS air aithisg bhliadhnail a’ chathraiche a Mionaideanleughadh an-seo: Mionaidean.

 

Facal-faire

Tha facal-faire aig gach ball.   Ma dh’fheumas sibh facal-faire as ùr, cuir fios thugainn.

 

 

Aithisg Bhliadhnail (Cathraiche) 2014

Feasgar math dhuibh uile gu Coinneamh Bhliadhnail Chomann Luchd-teagaisg Àrd Sgoiltean.Catriona Cathraiche

Tha mi toilichte a leithid fhaicinn an làthair a-nochd agus tha fhios am gur ann air sgàths gu bheil sinn an-seo aig an Alltan gu bheil barrachd ann am bliadhna. Tha mi airson taing a thoirt do Stòrlann sa chiad dol a-mach airson leigeil leinn ar Coinneamh Bhliadhnail a chumail an seo san Aghaidh Mhòir. Chan e sin a-mhàin, tha iad a’ toirt an cothrom dhuinn thairis air an ath latha no dhà, deich bliadhna de ChLAS a chomharrachadh an seo cuideachd. Tha seo a’ toirt an cothrom do bharrachd buill a bhith an-sàs anns a’ cheann-bliadhna sonraichte seo. Tha e cuideachd a’ sàbhaladh airgead dhuinn…rud a tha gu math cudromach san latha a th’ ann. Mar sin bu chaomh leam taing mhòr a-rithist a thoirt do Stòrlann airson an cothrom agus an cuid fialaidheachd.

‘S e bliadhna eile trang a tha air a bhith aig CLAS, far an robh sinn a’ riochdachadh tidsearan na dùthcha ann an gnothaichean cò-cheangailte ris na deuchainnean ùra, a’ cur air dòigh ar cò-fharpais sgrìobhaidh, a’ sgaoileadh fiosrachadh cudromach tron Bhlog againn, an sàs ann an còmhraidhean le diofar bhuidhnean, a’ cruthachadh goireasan agus gan sgaoileadh tron Bhlog, agus a’ neartachadh an sgeama treòrachaidh againn. Tha seo uile mar dhearbhadh air an cò-obrachadh a tha sinn a’ dèanamh agus tha làn dhùil againn leantainn oirnn leis an obair seo cho fad sa tha e comasach dhuinn.

Ged a tha obair mhòr ann dhuinn aig amannan, tha sinn a’ faighinn tlachd ann a bhith a’ coinneachadh agus a’ dèanamh rudan a tha feumail dhan dreuchd agus dhan na sgoilearan a tha ag ionnsachadh Gàidhlig, no a tha ag ionnsachadh tron Ghàidhlig. Tha e cuideachd math dhan adhartas proifeisanta againn uile gu pearsanta a bhith a’ cò-obrachadh chun an ìre sa tha sinn. Tha beàrn no dhà gu bhith anns a chomataidh am bliadhna agus nam biodh duine den bheachd gun còrdadh e riutha bhith an-sàs ann an comataidh ChLAS, gheibh sibh an cothrom mus bi an oidhche seachad! Tha e air leth cudromach do bhuidheann mar CLAS gu bheil sinn a’ riochdachadh na s’ urrainn dhuinn de thidsearan, mar sin, mura h-eil sibh nur buill an-drasta, feuch an gabh sibh ballrachd a-mach a-nochd fhèin no anns na beagan làithean a tha romhainn. Mar as motha a tha sinn a’ riochdachadh, ‘s ann as làidire ar guth.

Chan urrainn dhomh bruidhinn am-bliadhna, gun a bhith a’ togail air daoine sònraichte a tha air a bhith taiceil dha rìreabh anns an obair aig CLAS. Chan e a-mhàin na buill air fad, a h-uile duine anns a’ chomataidh, agus muinntir Bòrd na Gàidhlig a tha a’ toirt maoineachadh dhuinn gach bliadhna, ach gu h-àraidh a-nochd, Mairead NicÌomhair a bha bunaiteach ann a bhith a’ cur CLAS air bhonn sa chiad àite agus a dh’fhuirich air a’ chomataidh mar bhall cò-thaghte fad deich bliadhna slàn a’ toirt taic dhuinn. Tha i air a bhith os cionn luach. Tha i a’ dol gar fàgail am bliadhna-sa agus tha sinn a’ guidhe slàinte, gach sonas, agus soirbheachas dhi. Tha i gar fàgail ann an suidheachadh far a bheil sinn an dòchas gun tèid sinn bho neart gu neart. Bha cuideachd Uilleam Dòmhnallach againn mar bhall cò-thaghte faisg air deich bliadhna cuideachd agus ged a dh’fhàg esan tron bhliadhna, cha d’fhuair sinn an cothrom taing cheart a thoirt dha airson an sàr obair agus taic a thug

esan cuideachd dhuinn. Tha sinn buileach mothachail air an ùine a thug daoine mar Uilleam agus Mairead dhuinn airson gun tig piseach air Foghlam Gàidhlig san fharsainneachd anns na h-àrd sgoiltean. Tapa leibh gu dearbha.

Tha e a’ toirt togail dhuinn cuideachd am bliadhna, gu bheil daoine eile nar cuideachd a rinn an t-uamhas do ChLAS. Mura h-eil iad ann a-nochd, tha iad gu bhith ann a-màireach. Tha mi a’ bruidhinn air Cairistìona Walker a bha aig an stiùir anns a’ chiad bhliadhna de ChLAS, mus deach ar stèidheachadh gu foirmeil ann an 2004. Rinn Christina obair ionmholta dhuinn aig an àm sin. Cuideachd Joan Esson a bha na chiad Cathraiche oifigeil aig CLAS, agus a tha fhathast air-leth taiceil dhuinn tro h-obair ann am Foghlam Alba. Raonaid Nic a’Phearsain a bha anns a’ chathair as deidh Joan – tha Raonaid a-nis trang a’ toirt taic do thidsearan ùra ann an Oilthigh Shrath Chluaidh, agus Fionnlagh Coineagan a ghabh an stiùir bho Raonaid. Gu mì-fhortanach, cha bhith Fionnlagh comhla rinn an-dràsta bhon tha e fhèin air fhàgail aig an stiùir anns an sgoil aige. Bu chaomh leam taing mhòr, mhòr a thoirt dhan h-uile neach sin airson am pàirt cudromach a chluich iad (agus gu bheil iad fhathast a’ cluich!) ann am beatha CLAS.

Tha mi an dòchas gun cord na làithean aig an àlltan ribh am biadhna, gun ionnsaich sibh sgilean ùra, gun coinnich sibh ri caraidean sean agus ùr…agus gun tig sibh an sàs ann an obair Chomann Luchd-Teagaisg Àrd-Sgoiltean.

Mòran taing dhuibh uile airson a bhith an seo còmhla rinn a-nochd.

Coinneamh Comataidh ChLAS 04/12/12

 

Coinneamh Comataidh ChLAS

Dimàirt 4 An Dùbhlachd 2012, 4-5f, Air fònaichean.

An Lathair: Catriona Nic a’ Phì (CNP), Dòmhnall MacLeòid (DM), Uilleam Dòmhnallach (UD), Mairead NicIomhair (MNI), Kirsten NicDhòmhnaill (KND), Dànaidh Clelland (DC), Alison Cheanadach (AC)

 

1.       Fàilte/Leisgeulan

Chuir an cathraiche, CNP, fàilte air a h-uile duine agus dh’ainmich i DM mar bhall ùr air a’ chomataidh.

Leisgeulan : Yvonne Gunn (YG) agus Steven Greumach (SG)

2.      Coinneamh Bhliadhnail – Comataidh Ùr

Chaidh dreuchdan sa chomataidh ùr an ainmeachadh aig a’ choinneamh bhliadhnail mar a leanas:  Cathraiche – CNP, Iar Chathraiche – CC, Ionmhasair – SG agus Rùnaire Mionaidean– AC.

Mhol CNP gum biodh AC na rùnaire airson a’ chomataidh agus bhruidhinn MNI mu na tha an cois an obair seo.  Thuirt AC gum biodh i toilichte seo a ghabhail os làimh.  Tha AC ri fios a chur gu ceannard Sgoil MhicNeacail gus faighinn a-mach am biodh e comasach dhi a bhith an lathair aig gach coinneamh ChLAS.  Thuirt CNP gun cuireadh i post-dealain thuice cuideachd or gum biodh e feumail nam biodh rùnaire aig gach coinneamh.

Chuir an cathraiche DM air adhart mar am ball a bhios a’ cumail sùil air làrach-lìn ChLAS.  Dh’aontaich DM seo a dhèanamh agus thuirt buill a’ chomataidh gum biodh iad uile deònach a bhith a’ cur ris an làrach-lìn.

3.      Ionmhas

Tha SG air a ràdh gum fuirich e air a’ chomataidh mar an ionmhasair.

4.      Beachdan air Fo-Dheuchainnean

Thuirt DC gun robh an Ìre Choitcheann freagarrach gu leòr ach gun robh bàrdachd ann am pàipear Sar Àrd Ìre doirbh a thuigse.  Dh’innse KD mu na mearachdan a bh’annta:

1)      Ìre Choitcheann – Tha ‘G’ air a sgrìobhadh sa bhocsa seach ‘C’ aig mullach na duilleige san oisean air pàipear Sàr Ìre Luchd-Ionnsachaidh agus Fileantaich.

2)      Àrd Ìre  – Tha an aon cheist sgrìobhte airson 14b agus 15b ann am pàipear Luchd-Ionnsachaidh (Èisteachd).

3)      Àrd Ìre  – Tha litreachadh ceàrr ann am pàipear Luchd-Ionnsachaidh (Leughadh).

4)      Meadhan Ìre 2 – Tha ceist 5 ann am pàipear nam Fileantach (Èisteachd) ag ràdh 15-17, ach ‘s e 12-15 a bu choir a bhith ann.

 

Thuirt CNP gun sgaoileadh i fios gu Stòrlann mu na h-atharraichean a dh’fheumas a bhith ri dhèanamh.  Chaidh a ràdh gu bheil e glè mhath gu bheil gach pàipear dèante agus aig na sgoiltean.

 

5.      Beachdan airson DJ MacLeoid a thaobh cothroman do thidsearan

Chaidh beachdachadh air aithisg a tha gu bhith sgrìobhte airson tidsearan a bhrosnachadh a bhith ag adhartachadh san dreuchd aca:

1)      Chaidh a ràdh nach eil tuarasdal tidsearan co-ionnan ri tuarasdal aig àrd-ìre ann an dreuchdan eile.  Thuirt MNI gu bheil seo a’ buntainn ri tidsearan air feadh Bhreatainn air fad; chan ann direach do thidsearan Gàidhlig.

2)      Chaidh a ràdh le UD gu bheil comhairlean a’ beachdachadh air clasaichean a’ thoirt do cheannardan ann am bun-sgoiltean le barrachd is ceud sgoilear.  Chan eil seo freagarrach seach gu bheil na h-aon dleastanasan aig ceannard ann an sgoil le àireamh bheag de sgoilearan ‘s a tha aig ceannard le iomadh sgoilear.

3)      Tha bacadh air a chur air mòran thidsearan a bhith ag adhartachadh gu ìre cheannard or chan eil iad a’ cosnadh ach beagan a bharrachd airgead aig an ìre sin agus bidh tòrr a bharrachd uallach orra.

4)      Is e dìth-misneachd aon de na prìomh adhbharan a tha a’ cumail daoine air ais san dreuchd.  Bhiodh e feumail nam biodh taic ri fhaotainn airson tidsearan sa chlas agus an fheadhainn a tha airson gluasad gu ìre cheannard.

5)      Bheachdaich DM gum feum comhairlean a bhith a’ coimhead ris a’ mhìneachadh a th’ aca air dè th’ ann an sgoil Ghàidhlig or gur e seo pàirt mhòr den duilgheadas a th’ ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

 

6.       An Ath Choinneamh

Bidh an ath choinneamh ann an Inbhir Nis air an 8mh den Ghearran aig 7f.  Sgaoilidh CNP fiosrachadh mun choinneamh san àm ri teachd.

A’ Choinneamh Bhliadhnail

              

A’ Choinneamh Bhliadhnail

Dihaoine 2 Samhain 2012, 8f, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

An Lathair:  Mairead NicIomhair (MNI), Fiona NicAonghais (FNA), Steven Greumach SG),  Fionnlagh Coineagan (FC), Catriona Nic a’ Phì (CNP), Catriona Chaimbeul (CC), Dànaidh Clelland (DC), Morna Nic A’ Bhuidseir (MNB).

1.       Fàilte

Chuir an cathraiche fàilte air a h-uile duine

2.       Leisgeulan

Fionnlagh MacSuain, Dòmhnall MacLeòid, Catriona NicIain, Joan Esson, Yvonne Gunn, Kirsten NicDhòmhnaill, Alison Cheanadach, MaryEllen Stiùbhart, Anndra Dòmhnallach  is Màiri MacKay.

3.       Mionaidean na Coinneimh Bhliadhnail 2011

Gam moladh – CNP

A’ toirt Taic – CC

4.       Gnothaichean ag èirigh às a’ mhionaid

Chaidh cunntas a thoirt seachad le MNB mu shuidheachadh Chnoc Iordain agus an àireamh bheag de thidsearan a tha a’ dol tro thrèanadh. Chaidh a’ chùis a thogail a-rithist a thaobh poileasaidh an Oilthigh far nach fhaighear trèanadh ann an dà chuspair-sgoile ach anns an aon fhacultaidh foghlaim. Chaidh aontachadh gun cumar a’ dol ag aslachadh an Oilthigh airson an suidheachadh aige ath-bhreithneachadh.

Thuirt MNB gun toireadh i dhuinn an àireamh de dhaoine a tha a trèanadh am-bliadhna.

5.       Aithisg na Bliadhna – An Cathraiche

Chaidh deagh cheangal a chumail le Bòrd na Gàidhlig agus tha CLAS taingeil airson an taic-airgid a gheibhear bhuaidh gach bliadhna.

Tha ceangal cudromach a stèidheachadh leis an SQA agus tha CLAS a-nis air a dheagh-riochdachadh aig coinneamhan planaidh is dealbhaidh airson nan cùrsaichean ùra.

Cuiridh CLAS stuthan-taic chùrsaichean N4 is N5, a chaidh a chruthachadh  aig bùthan-obrach mar phàirt de dh’iomairt aig Roinn na Gàidhealtachd, do neach sam bith a tha gan iarraidh.

Tha làn-dòchas ann gun dèanar ceangal le Bòrd na Gàidhlig gus an sgeama ‘mentoring’ a bha cho soirbheachail am-bliadhna a chumail a’ dol.

Thathas ag aithneachadh gur e ceum cudromach is taic mhòr a tha ann gun do gabh Stòrlann os làimh deasachadh nam pàipearan fo-dheuchainn.

Cuirear air bhog a-nochd am Blog ùr a chaidh a chruthachadh le SG. ‘S e goireas air leth feumail a tha gu bhith ann do thidsearan.

Tha taing ga toirt do MES airson na rinn i mar rùnaire agus ise a-nis a’ fàgail na comataidh.

6.       Cunntasan na Bliadhna  – An t-Ionmhasair

Chaidh an geàrr-iomradh air teachd a-steach agus cosgaisean an sgaoileadh. Chaidh gabhail riutha.

Dh’ innis SG gun deach a’ chuid as motha den airgead a chosg air cosgaisean siubhail agus tha an t-suim seo air dhol an àirde bho bhliadhna an-uiridh.

Chan fhacas àrdachadh anns an uiread de dh’airgead a fhuaras bho bhallrachd.

Às dèidh gabhail ris na tha ri phàigheadh fhathast tha faisg air £3000 air fhàgail.

7.       Taghadh Comataidh

Chaidh MNI dhan chathair airson a’ chomataidh a thaghadh.

Chaidh buill na comataidh aontachadh mar na leanas:

Cathraiche – CNP; Moladh CC, Taic FC

Iar-chathraiche – CC;

Ionmhasair – SG; Moladh FC, Taic FNA

Rùnaire – bàn

Rùnaire mionaidean – Alison Cheanadach

Ball co-thaghte: MNI

8.       Neach-Sgrùdaidh Neo-Eisimeilich

Chaidh aontachadh gun cumar Graham Scott, Inbhir Nis

9.       G.I.S.B.E

          Chaidh a shealltainn do na bha an làthair am Blog Ùr a dhealbhaich SG. Bha na h-uile a dh’aona-ghuthach am beachd gur e goireas tarraingeach air leth feumail a bhiodh ann. Chaidh taing a thoirt do SG airson a chuid obrach chruaidh.

Coinneamh Comataidh ChLAS – 28/09/12

Coinneamh Comataidh ChLAS

Dihaoine 28 An t-Sultain 2012, 7f, Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

An Lathair: Catriona Nic a’ Phì (CNP), Kirsten NicDhòmhnaill (KND), Catriona Chaimbeul (CC), Yvonne Gunn (YG), Uilleam Dòmhnallach (UD) Steven Greumach (SG).

1.         Fàilte/Leisgeulan

Chuir an cathraiche, CNP, fàilte air a h-uile duine.

Leisgeulan: Dànaidh Clelland (DC), Fiona NicAonghais (FNA), Mairead NicIomhair (MNI), Mary Ellen Stiùbhairt (MES), Alison Cheanadach (AC), Fionnlagh Conaigean (FC).

2.         Mionaidean on Choinneamh mu Dheireadh / Càil Às Ùr

  • Dh’innis CNP don chomataidh gum biodh na tidsearan Gàidhlig bhon Ghàidhealtachd a’ coinneachadh air an 22mh den Dàmhair airson latha Ionsheirbhis. Air an latha seo thèid na goireasan a rinn na buidhnean obrach, air adhartas Nat 4/5, a’ sgaoileadh. Sgaoilidh CNP na goireasan seo gu daoine ann an CLAS as deidh seo.
  • Tha CNP air fios a chur gu Stòrlann le beachdan airson bùthan-obrach airson An t-Alltan. Bha dragh air a’ chomataidh nach robh bùthan-obrach ann a bhiodh tarraingeach no feumail do thidsearan àrd-sgoile. Bha beachdan ann gu robh glè bheag ann idir airson tidsearan de luchd-ionnsachaidh a-mhàin.
  • Dh’innis CC don chomataidh gu bheil i air beachdan a chur gu Ryno aig Stòrlann mu dheidhinn a’ chùrsa ùr Gàidhlig. Thuirt Ryno gun robh e air na beachdan fhaighinn ach chan eil e air freagairt a thoirt air ais thuice mu dheidhinn fhathast.
  • Dh’fhaighnich UD am bu chòir do chuideigin bho CLAS a bhith air Bòrd-stiùiridh Stòrlann. Thuirt e nach robh tòrr air a’ Bhòrd a-nis a tha a’ teagasg. Cuideachd, dh’fhaighnich UD am bu chòir do chuideigin bho Stòrlann tadhal air coinneamahan CLAS. Tha CLAS air seo thairgse mu thràth agus bha Stòrlann toilichte gu leòr le seo ach chan eil duine air nochdadh fhathast. Thuirt CNP nach eil I air fios a chur thuca bho chionn greis mu deitichean na coinneamhan agus gun tòisich I air seo a dhèanamh a-rithist.
  • Thuirt CC gun robh i air a ràdh ri Stòrlann gu bheil e gu math cudromach gu bheil an stuth aca a’ leantainn bho 3-18. Tha CC cuideachd air bruidhinn ri Joan Esson mu dheidhinn seo is bha i gu math taiceil.
  • Thuirt CC gu bheil i deònach ceistean sam bith a th’ aig Jayne Reid aig NHS Dùn Deagh a fhreagairt mu taic ionnsachaidh airson sgoilearan a tha ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig.  Thuirt CC gun cuireadh i cuideachd cuireadh air Jayne tadhal air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu nam biodh sin feumail dhi.
  • Tha an SQA air fios a chuir gu CLAS gu bheil iad toilichte leis na beachdan a fhuair iad air ais mun deuchainn ùr aig Àrd Ìre Adhartach.  Tha e feumail air an dà thaobh a bhith a’ cò-obrachadh.

3.         Ionmhas

  • Chaidh innse gu CLAS gum bi SG a’ fàgail CLAS am bliadhna ach gu bheil e toilichte obair air an ionmhas gus am bi rudan deiseil.
  • Chaidh aontachadh gun atharraich CLAS na cosgaisean airson àite-fuirich suas bho £50 gu £70 gach oidhche, airson Inbhir Nis agus Glaschu. Bu chòir do bhuill fhathast a’ feuchainn ri àite nas saoire a’ lorg, mas urrainn dhaibh.
  • Chaidh a ràdh gum biodh Bòrd na Gàidhlig deònach taic-airgid de £5000 a thoirt gu CLAS gach bliadhna ach gun fheumar form iarrtais a chur thuca le cosgaisean agus planaichean mus aontaichear ri sgillinn a thoirt seachad. airson ‘maintenance’ ach gum biodh e fhathast math plana a’ sgrìobhadh, airson innse do BnG dè tha CLAS a’ dol a bhith a’ cosg an airgead air an ath bhliadhna. Tha Màiri bho BnG air a ràdh gum biodh e ceadaichte ‘mentors’ a phàigheadh. Dh’aontaich CLAS gum biodh e cuideachd math cosgaisean ‘supply’ agus siubhal a phàigheadh airson ’s gun urrainn na ‘mentors’ coinneachadh ris na ‘mentees’ aca.
  • Dh’innis SG don chomataidh gu bheil cunntaisean aig an ronranach agus tha e an dùil am faighinn air ais meadhan An Dàmhair.

4.         Coinneamh Bhliadhnail

  • Tha MNI a’ cur pàipearan ri chèile airson a’ choinneamh bhliadhnail a tha a’ gabhail pàirt ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Bidh MES a’ coimhead thairis air na pàipearan. Chaidh aontachadh gun e dìreach coinneamh a bhios ann am bliadhna.
  • Bidh a’ chomataidh a’ coinneachadh airson coinneamh uair a thìde ron choinneamh bhliadhnail. Cha robh a’ chomataidh fhathast cinnteach am biodh oidhche Haoine, an 2na den t-Samhain aig 8f, no madainn Disathairne, an 3mh den t-Samhain, an àm as fheàrr airson a’ choinneamh bhliadhnail. Thuirt CC gur dòcha gum biodh oidhche Haoine nas fheàrr oir tha an latha SCILT ann air an Disathairne. Thuirt CNP gun sgaoileadh i post-dealain gu na buill a’ faighneachd dè b’ fheàrr leotha. Bheachdaich UD air bhidio no fòn ‘conferences’ a chleachdadh airson a’ choinneamh cuideachd.
  • Mhol CC am fiosrachadh a tha SCILT a’ cur a-mach gach seachdain a sgaoileadh gu buill ChLAS. Thuirt i gun robh tòrr artaigalan feumail annta, bho TESS is pàipearan-naidheachd, gu h-àraidh mu dheidhinn dà-chànanas.

5.         Co-labhairt thidsearan ùra (BnG)

  • Thuirt CC gum bi ise a’ riochdachadh CLAS aig a’ cho-labhairt air an 28mh den t-Samhain. Thuirt CNP gu robh Morna Butcher toilichte molaidhean fhaighinn airson an latha.
  • Thuirt UD gum bi latha coltach ri seo ann airson ceannardan air an 4mh den Dùbhlachd ann an Glaschu agus air an 7mh den Ghearran ann an Inbhir Nis. Dh’fhaighnich UD am bu chòir do ChLAS a bhith air a’ riochdachadh an seo cuideachd.
  • Dh’fhaighnich CC am bu chòir latha airson tidsearan ùra a bhith aig Bòrd na Gàidhlig a h-uile bliadhna, an àite a h-uile dàrna bliadhna. Thuirt CNP gun urrainn CLAS latha a dhèanamh gach bliadhna nach eil BnG. Thuirt CC gum bu chòir dha a bhith airson tidsearan a tha air a bhith a’ teagasg airson suas ri còig bliadhna is ’s dòcha oileanaich cuideachd. Thuirt CC cuideachd gun robh an t-Ògmhios ro thràth is gum biodh e nas fheàrr ma bha e mìos no dhà às dèidh do na tidsearan ùra a bhith a’ teagasg san sgoil.

 

6.         Fiosrachadh CLAS air GLOW

  • Chaidh aontachadh gun robh e cudromach gum      biodh àite aig CLAS far an urrainnear na mionaidean a phostadh airson      buill.  Bheachdaich CLAS air      duilleag GLOW no làrach-lìn.  Thuirt      SG gur dòcha gun e ‘blog’ an rud as fheàrr airson seo a dhèanamh. Dh’aontaich      CLAS le seo is thuirt SG gum feuchadh e air blog a thòiseachadh.Mhol      SG barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn ‘blogs’ ron ath choinneamh.

7.         An ath choinneamh

  • Bidh an ath choinneamh a’ gabhail àite ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, uair a thìde ron choinneamh bhliadhnail. Chan eil CLAS cinnteach fhathast am bidh seo air oidhche Haoine, an 2na den t-Samhain aig 7f, no madainn Disathairne, an 3mh den t-Samhain. Sgaoilidh CNP post-dealain gu buill nuair a tha fios aice.

 

8.          G.I.S.B.E

  • Bidh CLAS deich bliadhna a dh’aois an ath bhliadhna is bheachdaich a’ chomataidh air dè an dòigh as fheàrr airson seo a chomharrachadh. Bheachdaich CNP air ‘launch’ airson an sgeama ‘mentoring’ tron latha is an uair sin rudeigin mar càise agus fìon air an oidhche. Thuirt UD gum biodh e math ma bha ‘keynote speaker’ ann cuideachd, ’s dòcha Mata MacIomhair bhon GTC. Bheachdaich a’ chomataidh cuideachd air CPD air choreigin a dhèanamh. Dh’aontaich a’ chomataidh gum feumar co-dhùnadh a ruighinn mu seo ro àm a’ Chàisg.
  • Thuirt CC gum bu chòir do ChLAS fios a chur gu Alasdair aig SQA a’ gearain nach eil faidhlichean-fuaim a’ dol a bhith ann airson ionadan èisteachd a-nis, airson Gàidhlig agus cànanan eile. Dh’aontaich a’ chomataidh gu bheil na faidhlichean-fuaim uabhasach cudromach oir feumaidh cothrom a bhith aig sgoilearan èisteachd ri diofar dhaoine a’ bruidhinn Gàidhlig.

Coinneamh Comataidh ChLAS 31/08/12

Coinneamh Comataidh ChLAS

Dihaoine 31 An Lùnastal 2012, 7f, Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

An Lathair: Catriona Nic a’ Phì (CNP), Kirsten NicDhòmhnaill (KND), Catriona Chaimbeul (CC), Yvonne Gunn (YG), Mary Ellen Stiùbhairt (MES), Steven Greumach (SG), Fionnlagh Chonaigean (FC), , Alison Cheanadach (AC), Joan Esson (JE).

1.         Fàilte/Leisgeulan

Chuir an cathraiche, CNP, fàilte air a h-uile duine.

Leisgeulan: Dànaidh Clelland (DC), Uilleam Dòmhnallach (UD), Fiona NicAonghais (FNA), Mairead NicIomhair (MNI)

2.         Mionaidean on Choinneamh mu Dheireadh / Càil Às Ùr

  • Ballrachd ChLAS – Chaidh beachdachadh gun cumadh CLAS a’ bhallrachd mar a tha an-dràsta far a bhitheas buill ga phàigheadh gach bliadhna.  Bidh farpais CLAS fosgailte gu buill a-mhàin agus tha seo a’ toirt cothrom do sgoiltean duaisean a bhuannachadh.
  • Adhartas Nat 4/5 – Choinnich tidsearan bho Chomhairle na Gàidhealtachd air 25mh den Òg-Mhìos airson goireasan a chruthachadh airson na teisteanasan ùra. Thàinig dithis à CNES nan cois airson co-obrachadh. An deidh do Roinn na Gaidhealtachd an sgaoileadh aig Ionsheirbhis an Damhair, sgaoilidh CLAS iad gu sgoiltean eile taobh a-muigh na Roinne

3.         Ionmhas

  • Dh’innis SG don chomataidh gu bheil cunntaisean aig an ionranach agus tha e an dùil am faighinn air ais aig deireadh an t-Sultain.  Tha SG a’ feitheamh airson fiosrachadh air ais a thaobh taic airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.  Tha CNP a’ dol a chur post-dealain gu MM aig Bòrd na Gàidhlig airson beachd nas mionaidiche air an t-slighe air am bu chòir CLAS gabhail airson airgead fhaighinn.
  • Chaidh a thogail gu bheil prìsean nan taighean-òsta ann an InbhirNis cus nas daoire na tha iad ann an Glaschu agus gu bheil e tric ro dhuilich àite-fuireach a lorg airson £50. Chaidh aontachadh an suim ceadaichte àrdachadh gu £70. Bu choir do dhaoine àiteachan a lorg nach eil ro dhaor ma ghabhas sin dèanamh gu-ta.

 

4.         Ceumannan Ùra ann am Foghlam Gàidhlig, J Esson, HMIE

  • Dh’innis JE gu robh e san amharc aig Foghlam Alba Stiùireadh Nàiseanta airson Gàidhlig fhoillseachadh, agus dh’iarr i air a’ chomataidh beachdan innse air na rudan a bha iad a’ meas freagarrach agus deatamach airson seo. Chaidh a mholadh gum bitheadh na leanas a’ nochdadh san stiùireadh:

1)      Fiosrachadh mu bhogadh-cànain

2)      Dòighean airson piseach a thoirt air curraicealam na h-àrd-sgoile a thaobh cuspairean a bharrachd a thabhann ann an Gàidhlig. ‘S e obair leantainneach a bhiodh seo.

3)      Comhairle a thaobh mar a dhèanadh sgoil toiseach tòiseachaidh air Gàidhlig luchd-ionnsachaidh a thabhann mar chuspair

Dh’ainmich JE gum biodh an Stiùireadh Nàiseanta seo air a chleachdadh eadar Comhairlean agus mar shlat-tomhais aig HMIE.

  • Chaidh bruidhinn air na dh’fhaodas tidsear lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig às aonais teisteanas. Bha còmhradh ann mu cho freagarrach sa bhiodh e do thidsear àrd-sgoile gun teisteanas airson cuspair, seach Gàidhlig, cuspair sam bith a theagasg suas su AS3. Nam biodh seo a’ tachairt, shaoil a’choinneamh gun fheumadh an sgoil dèanamh cinnteach mu na leanas:

1) Gum biodh an tidsear cofhurtail leis a’ chuspair agus dèonach a theagasg, agus gum biodh cothroman CPD ann dhaibh airson an cuid sgilean agus comasan a leasachadh

2) Gum biodh pàrantan an sàs ann an co-chomhairleachadh mu gach ìre den churraicealam.

3) Gu robh na tidsearan air an stiùireadh le tidsearan aig an robh teisteanas sa chuspair

 

Bha deasbad am measg a’ chomataidh a thaobh am bu chòir do sgoiltean a bhith aig amas air còig chuspairean a thabhann tro mheadhan na Gàidhlig no a bhith a’ smaoineachadh air dòighean eile air Gàidhlig a thoirt dhan cuid sgoilearan, mar eisimpleir tro bhith a’ toirt bhuidhnean a-steach bhon choimhearsnachd airson pàirt den chuspair a dhèanamh.

5.         Coinneamh Bhliadhnail

  • Tha MNI a’ cur pàipearan ri chèile airson a’ choinneamh bhliadhnail a tha a’ gabhail àite air 3mh den t-Samhain ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
  • Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur air dòigh là airson tidsearan ùra agus chaidh beachdachadh air a’ chlàr-ghnothaich. Ged a bha gach rud a bha a’ nochdadh inntinneach agus freagarrach, bha beachd aig a’ chomataidh gum bu chòir don cho-labhairt a bhith a’ bualadh air cùisean mar comharrachadh sgrìobhadh, deuchainnean labhairt m.s.a.a. B’ ann air an seo a bha co-labhairt an-uiridh ag amas agus rinn na tidsearan a bh’ ann moladh air mar a bha an latha gu feum. ThuirtAK, a bha na probationer an-uiridh, gun robh measadh obair nan sgoilearan agus bruidhinn air diofar dhòighean teagaisg gu h-àraidh feumail.
  • Bheachdaich a’ chomataidh gu robh feum air cuimhneachadh air tidsearan nan cuspairean tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd agus dèanamh cinnteach gu bheil iadsan a’ faighinn taic agus stiùireadh a tha iomchaidh.  Chaidh aontachadh gum bu chòir do gach ball an clàr a tha BnaG a’ moladh a leughadh agus molaidhean a thilleadh gu Morna Butcher mu na rudan a thathas a’ meas a bu chòir a bhith sa cho-labhairt.

 

6.   Fiosrachadh CLAS air GLOW

  • Bha deasbad ann mu dheidhinn am b’e GLOW an dòigh a b’fhèarr air fiosrachadh a’ sgaoileadh gu buill mu CHLAS agus CPD a lìbhrigeadh. Thuirt SG gun robh trioblaidean ann fhathast le GLOW agus nach robh feadhainn de thidsearan idir ga chleachdadh air sàillibh trioblaidean teicnigeach. Le sin, cho-dhùin an comataidh gur e làrach-lìn a b’fhèarr airson feumalachdan CLAS airson fiosrachadh agus mionaidean on choinneamhan a’ sgaoileadh gu tidsearan Ghàidhlig.  Thuirt a’ chomataidh gum feuch iad ri beachdan agus prìsean a lorg airson seo a dhèanamh ron ath choinneamh.

 

7.         An Ath Choinneamh

  • Bidh an ath choinneamh ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air 28mh den t-Sultain.
  • Bidh a’ choinneamh bhliadhnail air an 3mh den Samhain ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

8.         G.I.S.B.E

  • Fhuair CLAS post-dealain bho Jayne Reid aig NHS Dùn Deagh a bha a’ sireadh fiosrachadh mu taic ionnsachaidh airson sgoilearan a tha ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig.  Thuirt CC gum feumadh ceumannan a ghabhail mar a tha iomchaidh san sgoil an toiseach.  Tha CC a’ dol a chur post-dealain air ais thuice.
  • Bha duilleag mun Sàr Àrd Ìre a’ toirt seachad agus chaidh fhaighneachd an cuireadh a’ chomataidh beachdan mun mholaidhean airson a’ chùrsa seo gu Alasdair Bauld cho luath sa ghabhas.
  • Tha coinneamh Goethe a’ gabhail àite air 15mh den Samhain agus tha Màiri, tidsear Eachdraidh aig Àrd-Sgoil Greenfaulds, a’ sùileachadh ri blasad de Ghàidhlig a thoirt seachad air an latha.  Tha i a’ feitheamh ri fios fhaighinn air ais bhon chomhairle mu seo.